Ionad deighe an Griomasaigh a' dùnadh

  • 9 An t-Ogmhìos 2016

Tha an t-ionad a tha a' dèanamh deigh aig Cidhe nan Ceallan ann an Griomasaigh a' dùnadh.

Ged a chosg e faisg air £350,000 bho chionn dìreach deich bliadhna, dh'aontaich Comataidh na Còmhdhail aig Comhairle nan Eilean Siar a dhùnadh, ged a thog cuid dhe na buill ceistean mun airgead a chaidh a chosg air a' ghoireas sa chiad dhol a mach agus dè chaidh ceàrr leis a' phlana ghnìomhachais air a shon.

Thuirt am fear-gairm, Tormod Dòmhnallach: "Chosg e airgead mòr nuair a chaidh a thogail grunn bhliadhnaichean air ais, agus 's e bristeadh-dùil mòr a th' ann nach eil an t-iarrtas ann a-nis a bha ann agus gum feum an t-ionad dùnadh.

"Ach, chan eil dol às ann a-nis, agus tha na h-iasgairean fhèin mothachail nach eil feum air deigh a bhith air a chruthachadh anns na Ceallan tuilleadh."

Tuilleadh air an sgeulachd seo