Bàt'-aiseig aig cidhe Armadail
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

"Mealladh" mu thilleadh an MV Coir' Uisg'

7 An t-Ogmhìos 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Thuirt Fòram Còmhdhail Shlèite gun deach daoine a mhealladh a thaobh co-dhiù thilleadh an MV Coir' Uisg' gu seirbheis Armadail.

Tha Cal Mac ag ràdh gun do bheachdaich iad air a tilleadh dhan t-slighe, ach nach deach sin a ghealltain.

Choinnich riochdairean Pàrlamaid oidhche Mhàirt ri Ministear na Còmhdhail, Humza Yousaf mun ghnothach.