Foghlam àrd-sgoile fon phrosbaig

  • 2 An t-Ogmhìos 2016
Gàidhlig

Cluinnidh co-labhairt nàiseanta Diardaoin gum feumar barrachd a dhèanamh airson fòghlam Gàidhlig anns an àrd-sgoil a leasachadh.

Bidh luchd-teagaisg 's luchd-fòghlaim eile an làthair aig a' chruinneachadh ann an Inbhir Nis, is e air a ruith le Fòghlam Alba agus Bòrd na Gàidhlig.

'S ann fo aois sgoile agus aig ìre bun-sgoile a tha an leudachadh as motha air a bhith ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, ged nach eil na h-àireamhan sin fhèin cho mòr 's a dh'iarradh Bòrd na Gàidhlig.

Chaidh na h-uidhir a leasachadh a dhèanamh air cuspairean a theagaisg tro mheadhan na Gàidhlig anns an àrd-sgoile cuideachd, ach tha mothachadh ann gu bheill feum air barrachd.

Leasachadh

Tha cuideachd Gàidhlig do luchd-ionnsachaidh ri leasachadh.

Coimheadaidh a' cho-labhairt air mar a ghabhas barrachd chuspairean lìbhrigeadh tro mheadhan a' chànàin anns an àrd-sgoil, mar a ghabhas am fòghlam fhèin a dheanamh nas fheàrr, a dhèanamh nas fhasa do chloinn gluasad gu Gàidhlig san àrd-sgoil an dèidh na bun-sgoile, agus mar a dh'ionnsaicheas sgoiltean is còmhairlean bho chàch a chèile.

Tha a' cho-labhairt ann is Bòrd na Gàidhlig dìreach air innse gu bheil iad air Mona Wilson fhasdadh mar stiùriche foghlaim.

'S e dreuchd ùr a tha seo aig a' Bhòrd.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile