Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

31 An Cèitean 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Blàr Jutland

Tha am Prìomhaire, Dàibhidh Camshron, agus Ceann-suidhe na Gearmailt, Joachim Gauck, am measg na bhios aig seirbheis ann an Arcaibh an-diugh a' comharrachadh 100 bliadhna bho bha Blàr Jutland ann, am blàr mara as motha 'sa Chogadh Mhòr. Chaill còrr 's 6000 maraiche Breatannach agus 2500 Gearmailteach am beatha 'sa bhlàr far chost na Gearmailt agus na Danmhairg air an là mu dheireadh den Chèitean agus a' chiad là den Òg-Mhìos ann an 1916.

Fallujah

Tha feachdan sònraichte ann an armachd Irac aig aghaidh na h-iomairt airson baile Fallujah a thoirt air ais bhon Stàit Islamaich, a ghabh smachd air a' bhaile ann an 2014. Tha aithrisean ann gu bheil còrr 's 50,000 de shluagh a' bhaile fhathast glaicte ann am meadhan a' bhaile.

VW

Thuit prothaid na companaidh càraichean Gearmailteach, Volkswagen, còrr 's £2.4bn air a' chiad thrì mìosan den bhliadhna ionmhais. Chuir an sgaineal mu dheuchainnean truaillidh cosgaisean mòra air a' chompanaidh agus reic iad àireamh nas lugha de chàraichean.

Drabastachd

Tha rannsachadh a' tòiseachadh an-diugh mu dhrabasachd an aghaidh chloinne aig dachaidh bhalach ann an Èirinn a Tuath anns na 1950'an is 1960'an. Bidh an rannsachadh a' coimhead, am measg rudan eile, air casaidean gun robh ceangal eadar drabasdairean aig Dachaidh Kincora ann am Béal Feirste agus na seirbheisean brathaidh.

Subsadaidhean

Bheir Rùnaire nan Cùisean Dùthchail, Fearghas Ewing, fiosrachadh do Phàrlamaid na h-Alba an-diugh air an dàil ann am pàigheadh subsadaidh do thuathanaich agus croitearan. Tha na Làbaraich ag iarraidh gealltanas nach tachair an leithid a-rithist.

Slàinte

Tha Comhairliche Sgitheanach, Hamish Friseal, am measg na tha air a bheil dragh gu bheil Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd am beachd daoine a chur dhachaigh nas tràithe bhon ospadal mar dhòigh air airgead a chùmhnadh. Tha am Bord a' deasbad na cùise an-diugh agus stiùiriche ionmhais na buidhne, Nick Kenton, ag ràdh gum faodadh am plana còrr 's £5m a shàbhaladh dhaibh.

An teaghlach Brain

Tha am ball-pàrlamaid Iain Blackford ag iarraidh air Oifis na Dùthcha beachachadh a-rithist air co-dhùnadh nach bi cead-obrach aig càraid Astralianach a th' ann an cunnart an cur a-mach à Breatainn. Chaidh innse an-raoir gum faod Kathryn agus Gregg Brain, a tha a' fuireach ann an Inbhir Pheofharain, agus aig a bheil gille beag, fuireach ann am Breatainn dhan Lùnasdal, ach chaidh cead-obrach a dhiùltadh dhaibh. Thuirt Mgr Blackford gur e co-dhùnadh a tha sin aig nach eil truas sam bith do shuidheachadh an teaghlaich.