An gèama a leanas

  • 30 An Cèitean 2016

Theirear gur ann mar thàileasg a tha gèama nam pàrlamaid.

An t-seachdain-sa, gluaisidh a' Bhanrìgh tarsainn a' bhùird airson Pàrlamaid na h-Alba fhosgladh as ùr, cleas a dh'innseas dhuinn gu tric gu bheil deireadh a' ghèama air fàire.

Ach, ge bith dè cho faisg is a tha fosadh an t-samhraidh, cha tig crìoch air a' ghèama seo - cha dèan e ach leantainn.

Is fìor, ge-tà, gun deach coltas ùr a chur air a' bhòrd aig an taghadh, a bheir aig na cluicheadairean cleasan ùra a thionnsgal.

An t-seachdain a chaidh, fhuair sinn cothrom am bòrd ùr a sgrùdadh agus buill na Pàrlamaid a' deasbad prìomh amasan an riaghaltais.

Agus mar a thachras gu tric le tàileasg, tha claonadh a' ghèama a' tighinn am follais, ged nach do ghluais ach pìos no dhà air gach taobh.

Bacadh

Dh'aidich Nicola Sturgeon gum biodh aice ri taic fhaighinn bho chàich às dèidh don SNP a' mhòr-chuid aca a chall.

Tha sin fìor agus follaiseach - ach ged as e dùbhlan a bhios ann don phrìomh mhinistear, cuiridh e dùbhlan ro na pàrtaidhean eile cuideachd.

Thoir sùil air a' bhòrd.

Le 63 buill aig an SNP anns an t-seòmar, bidh feum air 63 buill eile airson stad a chur air gnìomh sam bith a chuireas an riaghaltas air beulaibh na Pàrlamaid.

(Ma bhios bhòt ionnann ann, mar a thachair le bhòt a' bhuidseit ann an 2009, bhòtaidh an t-oifigear riaghlaidh airson an status quo, a' fàgail gun tuit am bile).

Mar sin, dh'fheumadh na pàrtaidhean uile tighinn còmhla gus bacadh a chur air an riaghaltas seo.

Prìs

Is lèir gur ainneamh a thachras sin - chan fhaic sinn, shaoileadh tu, na Tòraidhean agus an h-Uainich air an aon taobh gu trice.

(Is dòcha gur e conadal a tha anns a' Bhile air Dol-a-mach Oilbheumach aig Ball-coise, agus dùil gu bheil mòr-chuid anns an t-Seòmar a-nis airson cur às don reachdas chonnspaideach sin.)

Mar sin, mar as trice, chan e a' cheist a bhios ann am faigh Nicola Sturgeon taic airson na tha i ag iarraidh a dhèanamh, ach cò bheir i thuice, agus dè a' phrìs a bhios ann.

Na h-òraid, rinn am prìomh mhinistear iomradh air beachdan a nochd ron taghadh ann am foillseachain nan Làbarach, nan Uaineach agus nan Lib Deamach.

Cha do thabhainn i càil do na Tòraidhean, agus fios aice gum bi prìs phoileataigeach ri pàigheadh nam biodh an riaghaltas an crochadh air taic bho Ruth Davidson, gu h-àraid air cìsean, far a bheil polasaidhean an dà phàrtaidh faisg air a chèile.

Ach is e ceist dhoirbh a tha sin do Kezia Dugdale, Pàdraig Harvie agus Willie Rennie, a dh'fheumas cur romhpa a bheil iadsan airson bhòtadh leis na Tòraidhean, agus luchd-taic nam pàrtaidhean sin gu làidir nan aghaidh.

Neo-eisimeileachd

Ged a tha pìosan de chòig dath gan gluasad aig Holyrood, air aon cheist shònraichte tha iad dubh agus geal.

Do Nicola Sturgeon, tha bòrd na Pàrlamaid Albannaich na chearnaig den bhòrd nas motha anns a' ghèama fhada a tha i a' cluich air neo-eisimeileachd.

Bha sùil a' phrìomh mhinisteir air a' ghèama sin nuair a dh'iarr i air pàrtaidhean "adhartach" eile tighinn còmhla gus cur an aghaidh cruaidh-ghearraidhean nan Tòraidhean aig Westminster.

Is e ribe a tha seo, gu h-àraid do Kezia Dugdale, a dh'fheumas taghadh a dhèanamh eadar bhòtadh leis an Tòraidhean agus a' cur taic, an aghaidh a toile, ri argamaid an SNP airson an Rìoghachd Aonaichte fhàgail.

Nì Ms Dugdale, agus a càirdean uaine agus òir, gach dìcheall airson an ribe sin a sheachnadh.

Chan eil uaireadar ri taobh a' bhùird seo - is dòcha gur iad na cluicheadairean as fhoighidnich a nì a' chùis aig a' cheann-thall.