Uachdaran an aghaidh slighe rathaid ùir an t-Sròim

  • 27 An Cèitean 2016
Obair air a' chreig os cionn an rathaid a th' ann
Image caption Bidh maoimtean-slèibhe gu tric a' dùnadh an rathaid a th' ann, a tha dlùth ris a' chreig, eadar i 's an loidhne-rèile air cladaichean a deas Loch Charrann.

Dh'fhaodadh gun seas an t-uachdaran air aon de dh'oighreachdan air taobh siar Rois an aghaidh phlanaichean airson slighe eile a chomharrachadh airson seach-rathaid an t-Sròim.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd air a bhith a' beachdachadh air pàirt den t-slighe a ghluasad, agus maoimtean-slèibhe air a bhith a' toirt buaidh air an rathad.

Ann an pàipear a fhuair am BBC tro Achd Saoirse an Fhiosrachaidh thuirt Oighreachd Atadail gun seasadh iad an aghaidh phlanaichean sam bith gus an rathad a chur tron fhearann acasan.

Thuirt labhraiche bho Choimhairle na Gàidhealtachd gun robh an oighreachd air a bhith an lùib a' phròiseas co-chomhairleachaidh, agus gun robh beachdan làidir air tighinn thuca mu gach roghainn airson rathad ur.