Tè-judo anns an ospadal ann am Bangkok

  • 26 An Cèitean 2016
Steph Inglis Image copyright PA

Tha Stephanie Inglis, a choisinn bonn airgid aig Geamannan a' Cho-fhlaitheis, anns an ospadal ann an Thailand às dèidh dhi a bhith ann an tubaist-rathaid ann am Vietnam.

Chaidh a ceann a leòn nuair a chaidh an sgiort aice a ghlacadh ann an cuibhle tacsaidh mhotor-baidhseagail.

Tha Stephanie, 27, a bhuineas do Dheimhidh faisg air Inbhir Nis, air a bhith gun mhothachadh bhon tubaist, a thachair air an 10mh là den Chèitean.

Thàinig an grèim oirre bhon uair sin cuideachd.

Chaidh a sgèith a Bhangkok gu ospadal far a bheil uidheamachd airson a cuideachadh.

Bhuannaich i am bonn airgid aig Glaschu 2014.