Lùghdachadh cùraim ga mholadh

  • 26 An Cèitean 2016
Ospadal an Ràthaig Mhòir

Thèid innse do Bhòrd Slàinte na Gàidhealtachd an ath-sheachdain gum bu chòir an ùine a tha euslaintaich a' cur seachad san ospadal a lùghdachadh ann an oidhirp airgead a chùmhnadh.

Tha Stiùiriche ionmhais a' bhùird a' moladh an àireamh làithean a ghearradh eadar leth là agus dà là.

Aig a' choinneimh aca sa Ghiblean dh'aontaich Bòrd na Slàinte gearraidhean de £28m a dhèanamh ann an 2016/17.

Chiadh innse dhaibh an uair sin gun robh fios aca càite an rachadh £13m dheth sin a dhèanamh.

Ach bha aca fhathast ri gearraidhean de £15m a lorg.

Tha Stiùiriche ionmhais a' Bhùird a-niste a' moladh gum bu chòir an ùine a bhios euslaintaich a' cur seachad san ospadal a ghearradh.

Canaidh Nick Kenton nan tigeadh lùghdachadh de eadar leth agus dà là air a' chùram a bhios euslaintaich a' faighinn, chùmhnadh sin còrr 's £5m.

Bheireadh sin buaidh air euslaintaich le duilgheadasan èiginneach agus daoine a tha a' faighinn cùraim ann an ospadalan coimhearsnachd.

Canaidh Mgr Kenton cuideachd nach eil seo a' gabhail a-steach ionadan airson daoine le duilgheadasan inntinne, no ospadalan air an dùthaich.