Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

24 An Cèitean 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

An t-Aonadh Eòrpach

Tha iomairt Dhàibhidh Chamshroin airson fuireach san Aonadh Eòrpach a' leantainn, agus e an-diugh a' toirt rabhaidh gum biodh saor-làithean teaghlaich thall-thairis anns a' chumantas £230 nas daoire na tha iad an-dràsta. Thuirt feadhainn a th' airson an AE fhàgail nach eil na figearan seo a' dèanamh ciall.

Dùn Èideann

Tha comhairlichean Dhùn Èideann a' deasbad foghlaim Ghàidhlig an-diugh às dèidh connspaid a dh'fhàg Bòrd na Gàidhlig a' bagairt an toirt gu lagh nuair a dhiùlt an t-ùghdarras àite do chuid de sgoilearan Gàidhlig ann an Àrd-Sgoil Sheumais Ghilleasbaig. Tha aithisg a tha a' dol mu choinneimh Comataidh Foghlaim na Comhairle an-diugh ag ràdh gun do dhèilig an t-ùghdarras ri dìth rùim do sgoilearan na Gàidhlig anns an dòigh cheart, ach gun robh cuid de rudan a b' urrainn dhaibh a dhèanamh ann an dòigh nas fheàrr. Bidh a' chomataidh a' coimhead air na diofar roghainnean a th' aca a thaobh foghlaim àrd-sgoile sa Ghàidhlig.

Tubaist

Tha Poilis Alba airson bruidhinn ri duine sam bith aig a bheil fiosrachadh mu thubaist tràth sa mhadainn far an deach fireannach aois 23 a mharbhadh nuair a bhuail bus ann air an M8 ann an Glaschu. Thathas a' tuigsinn gun do dh'fhàg am fireannach tacsaidh prìobhaideach fhad 's a bha an càr a' siubhal chun an iar faisg air Earrainn 15. Bhuail bus ann an uair sin. Thuirt na Poilis gun robh iad airson bruidhinn ri duine sam bith a bha san sgìre mu 12:30m, agus ri feadhainn a bha a' siubhal air a' bhus.

In-ionmhas

Thàinig àrdachadh mòr air na bha de chompanaidhean cèine a' cur airgid a-steach do dh'Alba an-uiridh, a rèir rannsachaidh leis a' bhuidhinn chunntais Ernst and Young. Thuirt iad gun robh 119 companaidhean bho dhùthchannan eile air airgead a chur an sàs ann am pròiseactan an seo - suas 51% air na bh' ann ann an 2014. Bha àrdachadh 20% ann airson na Rìoghachd Aonaichte air fad.

Cùil Lodair

Thuirt buidheann dhualchais Sheumasach gu bheil dragh orrasan cuideachd mu phanaichean airson loidhne dealain faisg air làrach Bhlàr Chùil Lodair a leasachadh. Tha a' bhuidheann ris an canar Comann 1745 ag ràdh gu bheil planaichean SSE airson obair a dhèanamh air an loidhne eadar a' Mhanachainn agus Ceann Todhair ann an Siorrachd Obar Dheathain a' dol a mhilleadh sealladh na sgìre timcheall air Cùil Lodairt. Thuirt Urras Nàiseanta na h-Alba mar thà gun robh iadsan an aghaidh an loidhne dealain a bhith ga thoirt nas fhaisge air làrach a' bhlàir, agus làraichean eachdraidheil eile. Thuirt SSE nach b' urrainn dhaibh an loidhne a chur fon talamh leis gun dèanadh sin cus cron air an àrainneachd.