Tuath-gaoithe Beatrice a' dol air-adhart

  • 23 An Cèitean 2016
Tuath-gaoithe Beatrice Image copyright SSE

Thug a' chompanaidh cumachd SSE cead oifigeil do phròiseact Thuath-gaoithe Far-thìre Beatrice ann an Linne Mhoireibh.

Bidh 84 crann-gaoithe mar phàirt den sgeama, a chruthaicheas 588MW nuair a thèid a chur gu dol ann an 2019.

Thug Riaghaltas na h-Alba cead dhan phròiseact sa Mhàrt 2014, 's thug Riaghaltas Bhreatainn airgead-tasgaidh dha sa Chèitean air a' bhliadhna sin.

Tha dùil gun tòisich an obair-togail an ath-bhliadhna.

Thèid am port ann an Inbhir Ùige a chleachdadh airson uidheamachd, crainn-ghaoithe agus luchd-obrach a ghiùlain a-mach 's a-steach bhon phròiseact.

'S ann aig SSE as motha a tha de dh'earrainnean sa phròiseact - 40% - le 35% aig Copenhagen Infrastructure Partners agus 25% aig SDIC Power.

A rèir SSE bidh seo am measg nam pròiseactan prìobhaideach as motha ann am bun-structar na h-Alba.

Tha iad a' cumail a-mach gun tèid gu leòr chumhachd a chruthachadh airson dealan a chumail ri 450,00 dachaigh.

Thuirt a' bhuidheann ghlèidhteachais, WWF Alba, gum biodh an sgeama na chuideachadh ann a bhith a' dèiligeadh ri atharrachadh na sìde.

Aig a' cheart àm thuirt Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean (HIE) gun toir e airgead-tasgaidh agus obraichean dhan Ghàidhealtachd agus do Mhoireibh.

Port Inbhir Ùige

Thuirt stiùiriche gnothaichean ath-nuadhachail aig SSE, Pòl Cooley: "Tha cùmhnantan ann an àite mar thà le companaidhean stèidhichte ann am Breatainn, agus tha Siemens an dùil sgiathan nan chrann-gaoithe a thogail aig an ionad ùr aca ann an Hull.

"Tha dùil gun tèid mu £10m a chur an sàs ann am Port Inbhir Ùige far an tèid ionadan stiùiridh an tuath-ghaoithe a thogail agus piseach a thoirt air goireasan an RNLI a th' ann an-dràsta."

Thuirt Stiùiriche WWF Alba, Lang Banks: "'S e naidheachd mhath a th' ann a thaobh atharrachadh na sìde agus eaconamaidh na h-Alba gu bheilear a' dol air adhart le tuath-gaoithe Bheatrice.

"Bidh an sgeama na chuideachadh ann a bhith a' lùghdachadh na tha de ghasaichean càrboin gan cur dhan iarmailt, a thuilleadh air a bhith a' cruthachadh obraichean agus a' toirt taic don eaconamaidh ionadail," thuirt e.

Aig a' char as fhaisge bhiodh an tuath 8.5 mìle (13.5km) far chosta sear Ghallaibh.