An MV Louisa ga toirt gu cala
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Thòisich an MAIB a' sgrùdadh MV Louisa

18 An Cèitean 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Thoisich sgrùdadh mionaideach ann am Bruaich Chluaidh air an MV Louisa, am bàta-iasgaich à Steòrnabhagh a chaidh fodha air a' mhios a' chàidh.

Chaill triùir am beatha san tubaist a thachair faisg air Eilean Mhiughlaidh.

Tha an luchd sgrùdaidh airson faighinn a-mach dè as coireach gun do lion an t-eathar le sàl, agus an do dh'fhàilig uidheamachd shàbhailteachd.

Tha Anne Lundon ag aithris...