"Sgainneal" Mhalaig 's Armadal

  • 17 An Cèitean 2016
MV Coir' Uisg'
Image caption Bha an MV Coir' Uisg' air an t-slighe bho 2003 gu am-bliadhna.

'S e sgainneal a th' anns an t-suidheachadh anns a bheil an t-seirbheis aiseig eadar Malaig 's Armadal, a rèir Bhuill-Phàrlamaid Albannaich ùir na sgìre.

Bha Ceit Fhoirbeis a' bruidhinn agus còrr air mìle duine air an ainm a chur ri ath-chuinge ag iarraidh gun tèid am bàt'-aiseig an Coir' Uisg' a chur air ais air an t-seirbheis.

Bha an MV Coir' Uisg' a' frithealadh na seirbheis fad bhliadhnaichean mus deach a toirt far na slighe am-bliadhna.

Tha mòran anns a sgìre mì-thoilichte mu staid na seirbheis bho thòisich clàr-ama an t-Samhraidh.

Tha Ceit Fhoirbeis a-niste ag iarraidh coinneimh le CalMac agus Ministear na Còmhdhail mun t-suidheachadh.

"Tha fios agamsa dè cho cudromach 's a tha an t-seirbheis aiseig eadar Malaig agus Armadal," thuirt i.

"'S e sgainneal a th' ann nach eil deagh sheirbheis air a bhith againn airson sia seachdainean, bhon a thòisich CalMac an clàr-ama ùr le na trì bàtaichean aiseig ùra.

"Ged a tha barrachd sheòlaidhean ann gach là, chan urrainn dhomh a chreidsinn gu bheil CalMac a' cleachdadh bhàtaichean nach eil freagarrach airson na seirbheis," thuirt i.

Dhearbh i cuideachd gun do bhruidhinn i an t-seachdain a chaidh ri Ministear na Còmhdhail, Derek MacAoidh.

"Dh' inns Mgr MacAoidh dhomh gum biodh e deònach coinneachadh riumsa, Iain Blackford agus CalMac cho luath 's a 's urrainn dhuinn," thuirt i.

Thuirt neach-labhairt bho ChalMac: "Tha sinn a tuigsinn a' mhì-thoileachais am measg muinntir na sgìre a thaobh nan trioblaidean a th' air a bhith ann leis a' chlàr-ama ùr.

"Ged a tha an àireamh de sheòlaidhean a chaidh a chur dheth anns na ciad seachd seachdainean ro àrd, tha sinn a' cumail sùil gheur air an t-suidheachadh agus tha sinn a-niste air atharrachaidhean a thoirt air a' chlàr-ama, is tha sinn a' smaoineachadh gun toir e piseach air cùisean.

"Bhiodh sinn toilichte coinneachadh ri Ms Fhoirbeis airson mìneachadh carson a tha sinn air seirbhis nas sùbailte 's nas trice a chur air an t-slighe a tha seo, 's gu bheil e-niste nas comasaiche barrachd charbadan a ghiùlain.

"Tha sinn dhen bheachd gun toir na h-atharrachaidhean buannachdan 's an ùine fhada dhan eilean," thuirt iad.