Toradh bho earrainnean Ghabhsainn

  • 17 An Cèitean 2016
Crann-gaoithe
Image caption Tha trì crainn-ghaoithe aig a' chompanaidh ann an Gabhsann.

Dh'innis companaidh chumhachd Oighreachd Ghabhsainn an ceann a tuath Leòdhais do luchd-earrainnean gum faigh iad a' chiad phàigheadh bhuapa air an ath-mhìos.

Thog a' chompanaidh còrr is £700,000 le bhith a' reic earrainnean airson dà chrann-gaoithe ùr a thogail, an cois na tè a bh' aca mar thà.

Tha am pàigheadh seo a' tighinn bliadhna nas tràithe na bha dùil, agus tha airgead bho na crainn cuideachd ga chosg air pròiseictean anns a' choimhearsnachd.

"A' chiad bhliadhna, 's e 4%. 'S e sin an rud a tha sinn a' toirt seachad," thuirt Tormod MacThòmais, a tha air fear de stiùirichean na companaidh.

"Thuirt sinn bho thùs gum biodh sinn a' coimhead ri toirt seachad eadar 4% agus 6%.

"Tha fhios aig a h-uile duine aig a bheil beagan airgid anns a' bhanca nach eil iad a' faighinn càil coltach ri sin a thaobh rèidh.

"Tha mi a' creidsinn ma tha iad fortannach gu bheil iad a' faighinn faisg air 1% an-dràsta.

"Mar sin dheth tha sinn ceithir turais cho àrd ris an riadh a gheibh iad bhon bhanca.

"Tha e a' tighinn a-mach beagan nas luaithe na bha dùil againn.

"Bha sinn a' smaoineachadh an toiseach gur e 18 mìosan a bhiodh ann, ach mar a tha sinn a' coimhead a-nise, bidh e beagan nas luaithe na sin," thuirt e.