Fios ga iarraidh mu bhuanachd Aonta Baile

  • 16 An Cèitean 2016

Tha tè de Bhuill-Phàrlamaid ùra na h-Alba air a' Ghàidhealtachd a' ceasnachadh Comhairle na Gàidhealtachd mu am bu chòir do sgìrean taobh a-muigh Inbhir Nis buanachd fhaighinn bhon aonta baile eadar an sgìre agus an dà riaghaltas.

Tha Gail Ross fhathast na comhairliche i fhèin, ged a chaidh a taghadh mar Bhall-Pàrlamaid na h-Alba airson Gallaibh, Cataibh agus Rois.

Thuirt i gu bheil i air a' chùis a thogail roimhe le ceannardan na Comhairle, ach gu bheil an t-àm ann dhaibh innse dè am feum a gheibh sgìrean taobh a muigh Inbhir Nis às an aonta baile.