Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

11 An Cèitean 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Sìona

Thug Riaghaltas Shìona freagairt airson a' chiad uair do bheachdan na Bàn-rìghinn gun robh oifigich Shìonach "fìor-mhì-mhodhail" aig àm turas a' Chinn-Suidhe Xi a Bhreatainn an-uiridh. Cha tuirt am fear-labhairt Sìonach an-diugh ach gun robh an turas sin "fìor-shoirbheachail". Chaidh còmhradh na Bàn-rìghinn a chlàradh air camara an-dè nuair a bha i a' bruidhinn ri àrd-oifigear poilis a bha an sàs anns an tèarainteachd airson an turais stàite Sìonaich anns an Damhair an-uiridh.

Alba san Aonadh Eòrpach

Tha buill SNP ann an Westminster a' togail cheistean an-diugh mu bhuaidh referendum an Aonaidh Eòrpaich air Alba. Tha a h-uile h-aon den deich cheistean a chuir iad mu choinneimh Rùnaire na h-Alba ann an Taigh nan Cumantan a' buntainn ri dè a' bhuaidh a bheireadh fàgail an AE air Alba.

Iomairt an Referendum

Thèid an t-seann Phrìomhaire, Gòrdan Brown, an sàs anns an deasbad referendum an-diugh le argamaid gu bheil seachnadh chìsean air aon trioblaid ris a bheil e nas fhasa dèiligeadh air taobh a-staigh an Aonaidh. Tha òraid Mhgr Brown aig Sgoil Eaconamach Lunnainn ag amas air taic Làbarach a thrusadh dhan iomairt airson fuireach san AE.

Bha seann Mhèar Lunnainn, Boris Johnson, anns a' Chòrn anns a' mhadainn an-diugh far an do thòisich turas bus na h-iomairt airson Breatainn a thoirt a-mach às an Aonadh. Thuirt esan gu bheil laghan toinnte, iomadh-fhillte an AE a' cur bacadh air an eaconamaidh chan ann a-mhàin ann am Breatainn, ach air feadh na h-Eòrpa.

Teine an Dùthaich MhicAoidh

Tha luchd-smàlaidh ann an Cataibh a' strì ri teine a' mhòintich faisg air Tunga. Sgap an teine tarsainn air còig mìle cearnagach de thalamh faisg air Beinn Bhlanndaidh. Thuirt an t-seirbheis smàlaidh gu bheil còig pumpaichean a' feuchainn ris an teine a chumail air falbh bho thaighean anns an sgìre.

ADS

Chuir Comhairle nan Eilean Siar fàilte air Riaghaltas na h-Alba a bhith ag ràdh gu bheil iad deònach èisteachd ris an argamaid airson sgeama nam faraidhean-adhair saora ADS a thilleadh gu gnìomhachas anns na h-Eileanan. Chaidh an sgeama a stèidheachadh ann an 2006, ach chaidh a thoirt air falbh a-rithist bho ghnìomhachas ann an 2011. Tha a' bhuidheann chòmhdhail HiTrans os cionn rannsachaidh as ùr an-dràsta air buannachd na sgeama do luchd-gnothaich.