Dùil ri brosnachadh do chompanaidhean

  • 11 An Cèitean 2016
Ro-shealladh den drochaid Image copyright Comhairle na Gàidhealtachd

Brosnaichidh am pròiseact airson ceangal-rathaid air taobh siar Inbhir Nis companaidhean airson pròiseactan eile a chur air bhonn sa bhaile, am beachd Comhairle na Gàidhealtachd.

Thòisich an obair togail air a' phròiseact, a chosgas £55m, Dimàirt.

Tha a' Chomhairle cuideachd ag ràdh gum bi na goireasan spòrs, na pàircean rugbaidh agus eile a thèid a dhèanamh na lùib, am measg an fheadhainn as fheàrr ann an Alba.

"'S e là uabhasach mòr a th' ann an-diugh, air sgàth 's gu bheil sinn aig toiseach-tòiseachaidh na h-obrach seo," thuirt an Comh. Audrey Nic na Ceàrdaich, a tha na cathraiche air Comataidh Dealbhachaidh, Leasachaidh agus Bun-structair na Comhairle.

"Bidh e uabhasach math airson Inbhir Nis fhèin agus airson na sgìre air fad le rathaidean fada nas fheàrr a' dol eadar aon taobh den abhainn 's a' chanàil, agus an taobh eile," thuirt i.

Tòisichidh a' chiad phàirt den obair air an A82 air Rathad Ghlinn Urchadain, aig ceann-rathaid Bught Drive.

Thèid an obair air an drochaid ùr tarsainn Abhainn Nis, le obair anns an abhainn fhèin, a dhèanamh na dà earrainn: an t-Iuchar 2016 - an Damhair 2016, agus an t-Iuchar 2017 - an Damhair 2017, le dùil gum bi an drochaid ùr deiseil ro dheireadh 2017.

Thèid taighean ùra a thogail air fearann faisg air an rathad ùr.

Tha dùil cuideachd gun toir an rathad ùr faochadh do shuidheachadh na trafaige am meadhan a' bhaile.

Tha an ceangal-rathad na phàirt de na chuireas Comhairle na Gàidhealtachd ris an Aonta Baile ùr do dh'Inbhir Nis.