Fearg am measg chroitearan

  • 10 An Cèitean 2016
Caoraich

Tha croitearan a' fàs nas fheargaiche mun dòigh a tha Coimisean na Croitearachd a' làimhseachadh chomataidhean ionaltraidh, a rèir na buidhne a tha a' riochdachadh chroitearan.

Thuirt Caidreachas Croitearachd na h-Alba, (SCF), gu bheil mòran ann an coimhearsnachdan croitearachd diombach mun dòigh a tha an coimisean gan giùlain fhèin agus nach eil iad idir a' tuigsinn na tha a' dol air adhart.

Tha seo an dèidh dhan choimisean innse gun robh iad a' cur constabail ionaltraidh an sàs ann an Col Uarach ann an Leòdhas an dèidh dhaibh an t-seann chomataidh a chur a-mach às oifis sa Ghiblean.

Bha an coimisean mar thà air comataidh ionaltraidh Mhangurstaidh ann an Ùig' a chur a-mach às oifis.

Anns gach cùis bha eas-aonta mu chunntasan nan comataidhean ionaltraidh.

Dragh mòr

Thuirt Cathraiche Caidreachas Croitearachd na h-Alba, Fiona Mandeville, gu bheil an dòigh a tha an coimisean a' cur nan riaghailtean an sàs air atharrachadh agus gu bheil sin a' dèanamh dragh mòr dhi.

"Tha sinn a' tuigsinn gu bheil iad a' coimhead ri grunn chomataidhean ionaltraidh a tha, bhon t-sealladh againne, air a bhith a' dèanamh obair mhath thar nam bliadhnachan mu dheireadh, a' cur airgid a' bhaile ann an gnothaichean co-cheangailte ris a' bhaile ann an dòigh a bhiodh a h-uile duine a' smaoineachadh a bhiodh an coimisean airson a bhrosnachadh.

"Ach a-nis tha iad ag ràdh gum feum ionmhas bhailtean a bhith air a phàigheadh air ais gu luchd-earrainnean, ge bith a bheil na daoine sin an sàs ann an obair chroitearachd neo nach eil.

"Tha fios againn nach eil cuid aig a bheil earrainnean a' fuireach faisg air a' chroit aca.

"Chan eil duine a' tuigsinn carson a tha iad a' dèanamh seo an-dràsta, carson a dh'atharraich iad an seasamh aca air seo," thuirt Fiona Mandeville.

Bhòt coinneamh shònraichte den SCF ann an Ulapul Dihaoine gu h-aona-ghuthach nach robh earbsa aca anns a' choimisean.

Bha 15 aig a' choinneimh.

Nam measg bha cuid de na chaidh a chur a-mach às oifis leis a' choimisean.

Constabal

Tha an SCF a' togail cheist mu laghaileachd a bhith a' cur chonstabalan ionaltraidh an sàs, ag ràdh gu bheil e nàimhdeil a bhith a' dèanamh a leithid - gu h-àraid seach gu bheilear a' toirt air luchd nan earrainnean pàigheadh air an son.

Ann an litir gu croitearan Chuil Uaraich an t-seachdain seo dh'innis an coimisean mun cho-dhùnadh aca constabal ionaltraidh a chur an sàs sa bhaile airson dleastanasan na seann chomataidh ionaltraidh a choileanadh.

Dh'iarr iad air na croitearan co-obrachadh leis a' chonstabal, às Inbhir Narann, agus fiosrachadh sam bith a bha a dhìth air a thoirt dha.

Thuirt an coimisean gun robh iad an dòchas nach biodh e san dreuchd fada agus gun deadh comataidh ionaltraidh ùr a thaghadh ann an ùine nach biodh fada.

Coinneamh

Ann am brath-naidheachd thuirt an coimisean gu bheil dleastanas orra fo Achd na Croitearachd sgrùdadh a dhèanamh air casaidean neo-riaghailteachdan ionmhasail a tha luchd-earrainnean baile a' togail agus gun lean na rannsachaidhean aca gus an tèid mìneachaidhean freagarrach a thoirt seachad.

Thuirt an coimisean gum bi iad ri fhaotainn airson coinneachadh ri croitearan Chuil Uaraich agus Mhangurstaidh an ath-sheachdain agus gun tèid suidheachadh nam bailtean a mhìneachadh an uairsin.

Thuirt iad cuideachd gun obraich iad còmhla ri luchd-earrainnean airson "an t-slighe air adhart as fhreagarraiche fhaighinn."

Ach tha ceist ann a bheil na croitearan deònach an coinneachadh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo