Coimisean "an aghaidh comhairle laghail"

  • 9 An Cèitean 2016
Caoraich

Chaidh Coimisean na Croitearachd an aghaidh comhairle laghail a fhuair iad fhèin roimhe anns an dòigh san do chuir iad comataidh ionaltraidh Chuil Uaraich às oifis.

Sin a rèir litir a chunnaic am BBC, a chaidh a sgrìobhadh le seann Chathraiche a' Choimisein ann an 2013.

Chaidh comataidhean ionaltraidh ann am Mangurstadh is Col Uarach ann an Leòdhas a chur a-mach às oifis le Coimisean na Croitearachd, ag adhbharachadh mòran chonnspaid is mì-thoileachais am measg chroitearan.

'S e an t-adhbhar a thug an Coimisean seachad airson comataidh Chuil Uaraich a chur ma sgaoil, nach deach sgrùdadh a dhèanamh gu ceart air na cunntasan ionmhais a thug a' chomataidh seachad.

"Mì-laghail"

Ach tha litir aig riochdairean sheann Chomataidh Ionaltraidh Mhangurstaidh bho sheann Chathraiche a' Choimisein, Susan Walker, a sgrìobh i ann an 2013.

Tha an litir a' mineachadh comhairle laghail a fhuair an Coimisean mun t-seòrsa sgrùdaidh a tha a dhìth air cunntasan, is cò a dhèanadh e.

Tha an litir ag ràdh nach robh feum air làn-sgrudadh de chunntasan, agus gu bheil e an urra ri comataidhean ionaltraidh an sgrùdadh a tha a dhìth a chur air dòigh.

Tha croitearan Chuil Uaraich a-nise an dòchas gun cuidich an litir seo an tagradh aca an aghaidh a' Choimisein ann an Cùirt an Fhearainn an t-seachdain seo.

"Tha comhairle laghail aca (seann chomataidh Mhangurstaidh) agus tha e ann an litir, bho Susan Walker ann an 2013, ag ràdh gu bheil a' chomhairle laghail acasan ag innse gu soilleir gun d' fhuair an Coimisean comhairle laghail mun ìre de sgrùdadh ionmhais a tha a dhìth, agus gur ionnan an ìre sin agus na thug sinne seachad," thuirt Calum MacIllEathain, bho Chol Uarach.

"Agus mar sin, bha na rinn iad ann a bhith a' cur comataidh ionaltraidh Chuil Uaraich às oifis mì-laghail," thuirt e.

Beachdaichidh riochdairean lagha na seann chomataidh ann an Col Uarach a-nise air an litir.

"Tha sinn a-nis a' dol a chur seo a-null dhan fhear-lagha againn, agus nì esan rannsachadh, agus bheir e seo air adhart dhuinn," thuirt Coinneach Dòmhnallach.

"Chan eil fios againn fhathast dè chanas e, ach saoilidh sinne co-dhiù gu bheil e a' cur ris a' chùis a th' againn an aghaidh a' Choimisein.

"Tha e a' sealltainn dhuinne nach urrainn earbsa a bhith againn tuilleadh ann an càil a sgrìobhas iad no a chanas iad, oir tha iad ag ràdh aon nì ach a' dèanamh an rud a thoilicheas iad.

"Cuideachd tha e do-chreidsinneach gu bheil daoine a tha pàighte airson stèidheachadh, agus taic a chur ri croitearachd ag obair an aghaidh a' mhuinntir sin a tha saor-thoileach a' dèanamh an dearbh nì.

"Tha iad an dèis 13 duine a chur a-mach às oifis, agus chan eil fhios aig duine againn carson," thuirt e.

Tha an litir a' cur tuilleadh chuideim air a' Choimisean, às dèidh do Chaidreachas Croitearachd na h-Alba bhòtadh gu h-aona-ghuthach aig coinneimh shònraichte ann an Ulapul Dihaoine seo chaidh nach eil earbsa aca anns a' Choimisean no ann an Cathraiche a' Choimisein, an co-cheangail ri cùis nan comataidhean ionaltraidh.

"Bha sinn airson cluinntinn an robh duilgheadasan acasan cuideachd leis a' Choimisean," thuirt Coinneach Dòmhnallach, a bha air comataidh Chuil Uaraich, agus a bha an làthair aig a' choinneimh.

Iarrtas

"Agus fhuair sinn a-mach gun robh mòran le duilgheadasan leis a' Choimisean a tha seo a th' againn an-dràsta.

"An ceann ùine dh'aontaich a' choinneamh nach b' urrainn tuilleadh earbsa a bhith againn anns a' Choimisean mar a tha e stèidhichte an dràsta, agus gu sònraichte anns a' Chathraiche, leis na bha sinn a' cluinntinn a bha a' tachairt," thuirt e.

Aig a' cheart àm tha fear a bha a' gearain mu chomataidh ionaltraidh Mhangurstaidh, agus a bha an teis meadhain buairidh a dh'fhàg gun deach a' chomataidh a chur ma sgaoil, air an t-iarrtas aige airson roinn de theachd-a-steach na comataidh a tharraing.

Chuir an t-seann chomataidh fàilte air seo, agus tha iad a-nis ag iarraidh gun cuir an Coimisean iad air ais ann an oifis.

Thathas a' feitheamh air beachd bho Choimisean na Croitearachd.

Tuilleadh air an sgeulachd seo