Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

5 An Cèitean 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

An Taghadh

Tha taghaidhean a' dol air feadh na Rìoghachd Aonaichte an-diugh. Tha taghaidhean na Pàrlamaid Albannaich a' dol, a thuilleadh air taghaidhean Pàrlamaid ann an Èirinn a Tuath, agus anns a' Chuimrigh. Tha taghaidhean comhairle cuideachd ann an Sasainn, agus tha taghadh Mèar Lunnainn a' dol.

Alberta

Tha teine mòr uabhasach, a thug air na h-ùghdarrasan staid èiginneach a gheairm ann an sgìre Alberta de Chanada, fhathast a' sgapadh a rèir choltais. Chaidh còrr air 1,500 dachaigh agus togalaichean eile ann am Fort McMurray a mhilleadh; chaidh sluagh a' bhaile air fad - 90,000 duine - a ghluasad a-mach às an sgìre. Chaidh aithris gun robh e ro chunnartach fuireach. Thuirt aon oifigear poilis gun robh e a' smaoineachadh gun deach dàrna leth a' bhaile a chall anns an teine aig an ìre seo.

Cal Mac

Thàinig iarrtas bho luchd-iomairt ann an Slèite san Eilean Sgitheanach gum fàg àrd-stiùiriche Chaledonian Mhic a' Bhriuthainn, a dhreuchd. Tha luchd-iomairt ag ràdh gu bheil seirbheis aisig Samhraidh Armadail is Mhalaig ann am "bùrach" am-bliadhna. Dh'iarr daoine a nochd aig coinneimh ann an Slèite an-raoir gun deadh an MV Coir' Uisg', a chur air ais air an t-slighe seach na soithichean eadar-dhealaichte a th' air an t-seirbheis an-dràsta. Thuirt Fòram Còmhdhail Shlèite gun deach 55 seòladh a chur dheth anns na còig seachdainnean a chaidh seachad. Tha sin an coimeas ri dà sheòladh aig an aon àm an-uiridh.

Coimisean na Croitearachd

Tha na buill a bh' air comataidh ionaltraidh Mhangurstaidh air càineadh às ùr a dhèanamh air Coimisean na Croitearachd. Dh'innis an Coimisean an-dè gun robh iad air coinneamhan a chur air dòigh leis an t-seann chomataidh ionaltraidh ann am Mangurstadh agus ann na Col Uarach. Ach tha croitearan Mhangurstaidh ag ràdh gur e sin a' chiad turas a bha iadsan air an naidheachd a chluinntinn. Thuirt iad gu bheil iad a' gabhail comhairle laghail co-dhiù am biodh e iomchaidh dhaibh a dhol ann gus nach biodh.