Taghadh air fàire

  • 4 An Cèitean 2016
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Ceist mu neo-eisimeileachd fhathast air aire luchd-bhòtaidh

Às dèidh sheachdainean de dh'iomairt tha an taghadh a-nis air fàire.

A-màireach bidh aig Albannaich ri Pàrlamaid ùir a thaghadh, a shuidheas aig bonn a' Mhile Rìoghail gu 2021.

Cha do dh'atharraich na cunntasan-bheachd gu mòr o sgaoil a' Phàrlamaid aig àm na Caisge.

Anns an t-seachdain mu dheireadh den iomairt, thàinig ceist na neo-eisimeileachd gu bàrr a-rithist?

An e sin an rud as motha a bhios air aire an luchd-bhòtaidh nuair a thèid iad do na h-ionadan-bhòtaidh?

Faclan gu leòr bhuamsa, gus an dèan na daoine an taghagh-san.