Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

4 An Cèitean 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

An Taghadh

Gun ach gu madainn a-màireach ri dhol gus am fosgail na h-ionadan bhòtaidh airson taghadh Pàrlamaid na h-Alba tha ceannardan nam pàrtaidhean a-muigh ag iomairt aon là eile an-diugh. Tha na Làbaraich ag ràdh gun cuir iad stad air £3bn de ghearraidhean san ath-Phàrlamaid, fhad 's a bhios na Tòraidhean ag ràdh gur iadsan as làidire mar dhùbhlannaich. Geallaidh na Lib-Deamaich cruth-atharrachadh a thoirt air foghlam na dùthcha, agus bidh an SNP ag iomairt mun amas aca Alba a ghluasad air adhart.

Col Uarach

Thèid seann bhuill chomtaidh ionaltraidh Chuil Uaraich gu Cùirt an Fhearainn feuch toirt air Coimisean na Croitearachd an cur air ais nan dreuchdan. Tha iad den bheachd gur e co-dhùnadh gu tur mì-reusanta a ràinig an Coimisean nuair a chuir iad a' chomataidh gu lèir ma sgaoil. Thèid an tagradh a chur chun na cùirte an ath-sheachdain.

'S aig a' cheart àm an-diugh sgaoil Coimisean na Croitearachd fios gun coinnich iad croitearan Chuil Uaraich agus croitearan Mhangurstaidh - far an deach comataidh ionaltraidh eile a chur às an dreuchdan - an ceann seachdain no dhà. Thuirt iad gu bheil an Coimisean airson taic a thoirt dha comataidhean agus clarcan ionaltraidh a bhith gan riaghladh fhèin taobh a-staigh laghan croitearachd, agus diofar dhleastanasan chomataidhean gus chlarcan ionaltraidh a dhèanamh soilleir.

Clann Fhògarrach

Tha an Riaghaltas a' feuchainn ri aonta a ruighinn le buidhinn de Bhuill-Phàrlamaid Tòraidheach a tha airson 's gun gabh Breatainn clann a tha nam fògarraich à Siria. Dh'iarr na buill agus luchd-iomairt air an Riaghaltas 3,000 fògarrach òg ann an campaichean anns an Roinn Eòrpa a ghabhail.

Dòmhnall Trump

Bhuanaich Dòmhnall Trump ann am bun-bhòt Stàit Indiana an-raoir, a' fàgail gu bheil làn-dùil ann a-nis gur e a bhios na thagraiche Phoblachdach ann an taghadh a' Chinn-Suidhe anns na Stàitean Aonaichte. Thug am fear a bha a' farpais na aghaidh, Ted Cruz, iomairt-san gu ceann às dèidh na bhòta. 'S aig a' cheart àm ann am farpais nan Deamocratach ann an Indiana, rinn Bernie Sanders a' chùis air Hillary Clinton ann an rèis gu math teann.

Sgoil ùr Ghlaschu

Tha rùm ann an sgoil ùr Ghlean Dail ann an ceann a deas Ghlaschu airson tuilleadh sgoilearan, agus bha e ceàrr gun deach àite a dhiùltadh dhaibh leis a' Chomhairle anns a' chiad àite. Sin a rèir co-dhùnadh Chomataidh an Ath-thagraidh ann an cùis triùir chloinne. Tha buaireadh air a bhith ann mu cho beag àiteachan a bha fim faotainn agus an dòigh anns an d' fhuair na sgoilearan a b' fhaisge a bha a' fuireach air an sgoil prìomhachas.