Aithrisean mu sgeinean ann an sgoil

  • 28 An Giblean 2016

Chuirear dithis dheugairean fo chasaid agus e air fhàgail orra gun robh sgeinean aca aig Àrd-Sgoil Inbhir Nis.

Thathar a' tuigsinn gun deach na Poilis a ghairm chun na sgoile Dimàirt às dèidh mar a chaidh dithis bhalach a ghlacadh le sgeinean.

Cha do thachair càil sònraichte ach dhearbh na Poilis gun deach aithrisean mun dithis a chur gu Neach-Aithris na Cloinne airson a bhith a' giùlain armachd chunnartaich.

Sgrìobh ceannard na sgoile, James Rutter, gu pàrantan agus luchd-cùraim a dh'innse dhaibh mu na thachair.

Thuirt e gu bheil sàbhailteachd nan sgoilearan na phrìomhachas dhaibh, agus gum bi oifigear-poilis a' tadhal air an sgoil a thogail air sàbhailteachd coimhearsnachd leis na sgoilearan.

Tha sgeinean ann an sgoiltean air mòran aire fhaighinn bho chaidh an deugaire Bailey Gwynne a mharbhadh nuair a shàth sgoilear eile e le sgìthinn ann an sgoil ann an Siorrachd Obar Dheathain.