Obair air seirbheis fòn-laimhe dhùthchail

  • 27 An Giblean 2016
Fòn-làimhe

Tha Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean (UHI) ag obair còmhla ris a' chompanaidh lionra fòn-làimhe EE air pròiseact a tha ag amas air seirbheis fòn-làimhe nas fheàrr a thabhann ann an sgìrean dùthchail agus iomallach.

Tha an sgeama a' cleachdadh coimpiutair bhig dhan urrainn seirbheis lìonra fòn-làimhe a thabhann ann an sgìrean far nach eil mòran seirbheis, ma tha seirbheis ann idir.

Tha am pròiseact mar phàirt den obair a tha EE a' dèanamh le Facebook airson ceangalaichean fòn-làimhe a leasachadh.

Thuirt Prionnsabal UHI, an t-Oll. Clive Mulholland, a tha cuideachd na iar-sheannsalair aig an oilthigh, gun robh iad toilichte dha-rìribh a bhith ag obair còmhla ri EE a' rannsachadh nan cothroman a dh'fhaodadh a bhith an cois seo dhan oilthigh agus dha na coimhearsnachdan anns a bheil iad ag obair.

"Dh'fhaodadh gun toir an teicneòlas seo buaidh air an obair a tha sinn a' dèanamh a thaobh slàinte ann an sgìrean dùthchail agus iomallach agus a thaobh teicneòlais ùir.

"Mar oilthigh sgìreil tha sinn ag amas air buaidh a thoirt air a' Ghàidhealtachd sna h-Eileanan agus tha sinn a' cur fàilte air sgeamaichean sam bith a dh'fhaodadh buannachd a thoirt dhan sgìre," thuirt Mgr Mulholland.

Òigridh

Tha mòran air Ghàidhealtachd sna h-Eileanan eòlach air cho dona 's a tha ceangalaichean fòn-làimhe agus eadar-lìn.

Aig toiseach na bliadhna dh'innis cuid de ghnothachasan san Eilean Sgitheanach gun do thòisich iad a' cleachdadh seirbheis a' phuist a-rithist an àite an eadar-lìn le cho slaodach 's a bha an t-seirbheis.

Cha robh seirbheis idir ann ann an iar thuath an eilein airson greis.

An-uiridh fhuair rannsachadh a rinn Iomairt na Gàidhealtachd agus nan Eilean gum brosnaicheadh seirbheis fòn-làimhe barrachd òigridh fuireach san sgìre.

A rèir an sgrùdaidh bha mòran dhaoine eadar 15 agus 30 bliadhna de dh'aois den bheachd nach robh lìonraidhean fòn-làimhe math gu leòr agus gum b' fheàrr leotha gun deadh sin a leasachadh, seach seirbheis a' bhuinn-leathainn.

Tuilleadh air an sgeulachd seo