Ceannardan nam Pàrtaidhean
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Geallaidhean do dh'ùghdarrasan ionadail

27 An Giblean 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Chan eil ach ochd là slàn de dh'iomairt an taghaidh air fhàgail mus bi muinntir na h-Alba a' bhòtadh ann an taghaidhean pàrlamaid na h-Alba.

Tha ceannardan nan diofar phàrtaidhean air a bhith a' bruidhinn mu na geallaidhean aca a thaobh nan ùghdarrasan iondail agus an eaconamaidh ionadail agus iad a' tadhail air diofar sgìrean air feadh na dùthcha tron là.