Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

25 An Giblean 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

BHS

Tha dùil ri dearbhadh an diugh gu bheil a' chompanaidh bhùthan BHS aig a bheil mu 11,000 duine ag obair a dol gu rianachd. Dh' fhailich air luchd-stiùiridh a' chompanaidh a' reic 's iad a strì ri fiachan mòra agus beàrn de chòrr 's £500m ann an sgeama peinnsein na buidhne.

Baile Ghobhainn

Coinnichidh am Prìomh Mhinistear, Nicola Sturgeon, ri riochdairean aonaidh aig gàrradh-shoithichean Bhaile Ghobhainn an-diugh agus dragh ann mu dhàil air cùmhnant bhon Chabhlach Rìoghail. Tha dragh ann gum faodadh sin cuideachd buaidh a' thoirt air gàrraidhean eile air Chluaidh. Gheall Ministreachd an Dìon gun lean iad orra a' toirt chùmhnantan do ghàrraidhean Chluaidh.

Na Stàitean Aonaichte

Thàinig na tagraichean eile, a tha a' strì ri Dòmhnall Trump airson bhòt nam Poblachdach ann an taghadh a' Chinn-Suidhe 's na Stàitean Aonaichte, gu aonta nach bidh iad ag iomairt an aghaidh a chèile. Thuirt Ted Cruz gum bi esan ag amas air Indiana agus a' toirt cead do John Kasich air Oregon agus New Mexico agus iad eadar iad a' dèanamh oidhirp air Mgr Trump a' chumail bhon an àireamh riochdairean a tha a dhìth air airson a thaghadh.

Croitearachd

Tha eòlaiche air lagh croitearachd a' fàgail air Coimisean na Croitearachd gu bheil coltas ann gun deach iad nas fhaide na leigeas an cumhachd leotha le a bhith a' cur comataidh ionaltraidh Col Uarach ann an Leòdhas ma sgaoil. Thuirt am fear-lagh, Brian Inkster, nach eil riaghailtean a' choimisean fhèin ag iarraidh a leithid, ach ma bha an coimisean ceart gum bu chòir dhaibh a-nise a' dhol as deidh chomataidhean ionaltraidh eile. Thuirt e gum feum an coimisean an co-dhùnadh a tharraing air ais neo gum bu chòir do Riaghaltas na h-Alba na coimiseanairean a rinn an co-dhùnadh a chuir às an dreuchd.

Rathaidean

Tha na rathaidean air a' Gàidhealtachd a' dol bhuaithe nas luaithe na tha iad ann an sgìre dhùthchail sam bith eile ann an Alba, a rèir aithisg ùir. Fhuair an sgrùdadh airson 2015 gun robh 40% de rathaidean sgìre Chomhairle na Gàidhealtachd ann an droch staid, 3% nas miosa na bha iad ann an 2014. Bha rathaidean Earra Ghàidheal 's Bhòid nas miosa ged a thàinig adhartas orra-san an uiridh.

An t-Eilean Sgitheanach

Tha poilis anns an Eilean Sgitheanach air a bhith a' càineadh fear a chaidh air chall 's a Chuilthionn an-raoir. Rinn sgioba-teasargain nam beann anns an eilean, na poilis, agus heileacoptair maoir-chladach Steòrnabhaigh cobhair air an duine. Thuirt na poilis, air Twitter, nach eil e gu math sam bith do dhuine a bhith a' dol a shreap ann am monaidhean an eilein, neo àite sam bith eile gun mhapa ceart, 's a bhi a crochadh air mapaichean Google air fòn-làimhe gun chumhachd ann.