Co-obrachadh airson cosgaisean a' chàbail

  • 25 An Giblean 2016
Crann-gaoithe

Thathas a' brosnachadh bhuidhnean coimhearsnachd, a tha a' beachdachadh air pròiseactan ath-nuadhachail 's na h-Eileanan an Iar, obrachadh còmhla airson cosgaisean ceangail ris a' ghriod nàiseanta a chumail sìos.

Thèid coinneamh a chumail ann an Steòrnabhagh an ath-mhìos airson coimhead air mar 's urrainn dha na buidhnean sin a dhèanamh.

Thuirt Kathleen Dhòmhnallach bhon bhuidhinn Cumhachd Coimhearsnachd na h-Alba, gur e cothrom a bhios ann do choimhearsnachdan tighinn còmhla airson cosgaisean a' ghriod a lùghdachadh.

"Tha SSE a' coimhead air a h-uile pròiseact a thig a-steach agus a' faicinn a bheil gin faisg air a chèile agus dè an fheadhainn a dh' fheumas barrachd bun-structar," thuirt i.

Thuirt i ma tha dà phròiseact coimhearsnachd faisg air a' chèile, 's dòcha gum b' urrainn dhaibh-san obrachadh còmhla airson cosgaisean a chumail sìos.

Càbal-dealain

Thathas cuideachd a' faicinn cho cudthromach 's a tha e an t-iarrtas a thomhais airson càbal dealain fhaighinn tarsainn a' Chuain Sgìth gus am bi rùm gu leòr air do sgeamaichean coimhearsnachd.

Tha dùil gum bi an càbal ùr ann an àite ro 2020.

"Tha sinn ag iarraidh gum bi cothrom aig na coimhearsnachdan rudeigin a chur dhan ghriod, 's chan e dìreach rudeigin beag ach na pròiseactan a tha iad ag iarraidh a dhèanamh.

"Tha sinn airson misneachd a thoirt dha na coimhearsnachdan innse dhuinne agus do SSE an-dràsta gus am bi iadsan a' smaoineachadh air ciamar a chuireas iadsan na pròiseactan sin air a' chàbal," thuirt i.