Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

22 An Giblean 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

An t-Aonadh Eòrpach

Thuirt an Ceann-Suidhe Obama gu bheil àite Bhreatainn anns an t-saoghal gu math nas làidire le ballrachd anns an Aonadh Eòrpach. A' sgrìobhadh anns an Daily Telegraph aig toiseach a thurais trì là a bhreatainn, thuirt an Ceann-Suidhe gu bheil co-dhùnadh an referendum fìor-chudromach dha na h-Aimeireaganaich. Thuirt an iomairt airson Breatainn a thoirt a-mach às an AE, gu bheil Mgr Obama a' do an sàs ann an deasbad ris nach eil gnothach sam bith aige.

Alton Towers

Dh'aidich a' chompanaidh dham buin Alton Towers gun do bhris iad riaghailtean slàinte agus sàbhailteachd nuair a bha tubaist air roller-coaster anns a' phàirce anns an Ògmhìos an-uiridh. Chaidh còignear dhaoine òga a dhroch ghoirteachadh nuair a bhuail dà charbad na chèile. Tillidh a' chùis gu cùirt ann an Newcastle-Under-Lyme ann an Staffordshire airson binn air Merlin Attractions Eta, dham buin a' phàirce.

Tubaist-rathaid

Tha poilis a' rannsachadh tubaist-rathaid ann an Siorrachd Obar Dheathain an-raoir anns an do chaill dithis am beatha. Bha na fir, a bha 24 bliadhna de dh'aois, agus 32, ann an càr Volkswagen Golf a bhuail ann an craoibh ri oir an rathaid, an A93, faisg air Loch Abèidh.

Drochaid Charra

Chaidh ceathrar a thoirt dhan ospadal ann an Inbhir Nis agus coltas ann gun robh gas ag aodion aig taigh-òsta ann an Drochaid Charra air a' Ghàidhealtachd anns a' mhadainn an-diugh. B' fheudar do 90 duine a bh' air aoigheachd aig Taigh-Òsta Dhrochaid Charra an togalach fhàgail goirid an dèidh 05:00m. Chan eil fiosrachadh ann gu poblach an-dràsta air suidheachadh an fheadhainn a chaidh a thoirt dhan ospadal.

SAC

Tha a' bhuidheann-iomairt SHAMED, air a bheil dragh mu sgìre ghlèidhte aig muir a' gearain gun deach co-chomhairle air sgìre mhòir SAC a chur air bhonn dìreach là mus do sgaoil Pàrlamaid na h-Alba airson an taghaidh. Agus tha iad ag iarraidh soilleireachaidh air dè seòrsa buaidh a bheireadh an sgeama - eadar Ìle agus Diùra aig deas agus Leòdhas aig tuath - air a' mhòr-chuid, tha iad ag ràdh, den chosta an iar agus na h-eileanan.

Cùmhnant nan Aiseagan

Iarraidh comhairlichean Earra-Ghàidheal is Bhòid air Riaghaltas na h-Alba seirbheisean aiseig a' chosta an iar fhàgail anns an roinn phoblaich. Tha dùil ri dearbhadh a dh'aithghearr an e Caledonian Mac a' Bhriuthainn, a bhuineas dhan stàit, no a' chompanaidh phrìobhaideach Serco, a fhuair an cùmhnant ùr. Sgrìobhaidh comhairlichean Earra-Ghàidheal gu Riaghaltas na h-Alba a' cur aithisg bho Oilthigh Ghlaschu fan comhair a tha ag ràdh gum bi an t-seirbheis gu math nas fheàrr le fuireach fo smachd na stàite.

Blàthachadh na Cruinne

Cuiridh còrr is 160 dùthaich an ainm ri Cùnradh Pharis air atharrachadh na h-aimsire aig cruinneachadh ann an New York an-diugh. Dh'aontaich iad anns an Dùbhlachd gum feuchadh iad ri àrdachadh ann am blàthachadh na Cruinne a chumail fo 2C.