Duaisean Ciùil
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Sgitheanach òg ag amas air duais

21 An Giblean 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha sgoilear à Dùn Èideann, a bhuineas dhan Eilean Sgitheanach, am measg an fheadhainn a tha a-staigh airson duais Òigridh aig Duaisean Ciùil Thraidiseanta Radio a Dhà na bliadhna-sa.

Fhuair Brìghde Chaimbeul à Sgoil Chiùil Naomh Moire dhan chuairt dheireannaich, a thèid a chumail ann an Talla Rìoghail Albert ann an Lunnainn an ath-sheachdain.

Thadhal Darren Linc oirre aig an sgoil a dh'fhaicinn ciamar tha a' dol dhith.