Leasachaidhean a dhìth aig dachaigh-cùraim

  • 20 An Giblean 2016
Làmh Image copyright Thinkstock

Feumaidh dachaigh-cùraim faisg air Inbhir Nis, far na bhàsaich duine às dèidh dha ionnsaigh fhulang bho fhireannach eile le dementia, smachd fhaighinn air grunn easbhaidhean anns an t-seirbheis a tha iad a' toirt do dhaoine le trioblaidean inntinn agus dementia.

Lorg luchd-sgrùdaidh bhon riaghaltas 14 easbhaidhean aig Loidse a' Mhill Mhòir, deas air Inbhir Nis, ris nach deach deiligeadh bhon turus mu dheireadh a rinn iad sgrùdadh.

Thuirt an dachaigh gun deach luchd-obrach ùr fhastadh, agus gu bheil iad a' strì ri fuasgladh fhaighinn dha na nithean a tha ceàrr.