Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

20 An Giblean 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

DEILA

Leig Celtic fhaicinn gum bi am manaidsear Ronny Deila a' fàgail a' chlub aig deireadh na seusain. Tha an Nirribheach air a bhith san dreuchd faisg air dà bhliadhna. Thug e tiotal a' Phrìomh Lìog agus Cupa an Lìog dhan club an-uiridh agus tha e ag amas fhathast air tiotal a' Phriomh Lìog air an t-seusan seo. Ach chaidh tuilleadh teagaimh na dhreuchd aig Parkhead an dèidh do Celtic call ri Rangers anns an iar chuairt dheireannaich de Chupa na h-Alba air an deireadh-sheachdain.

MITSUBISHI

Dh'aidich a' chompanaidh Iapanach, Mitsubishi, gun deach breugan innse mu dheuchainnean truaillidh air na h-uimhir de na càraichean aca. Tha seo a' toirt buaidh air còrr is leth-mhillean carbad, mòran dhiubh a chaidh an dèanamh do Nissan. Thuit 15% far luach nan earrannan ann am Mitsubishi air margaidh an ionmhais ann an Tokyo.

OBRAICHEAN

Tha figearan ùra an-diugh a' sealltainn gun deach an àireamh dhaoine gun obair air feadh na Rìoghachd Aonaichte suas 21,000 gu 1.7m, eadar an Dùbhlachd agus an Gearran. Seo a' chiad àrdachadh ann am faisg air bliadhna air feadh Bhreatainn. Bha an àireamh ann an Alba suas mu 20,000 gu 171,000.

PAIGE DOHERTY

Bha seirbhis tìodhlacaidh an deugaire Paige Doherty ann am Bruaich Chluaidh sa mhadainn an-diugh - mìos an dèidh a bàs. Chaidh corp na h-ìghne, a bha 15, fhaighinn ann am Bruaich Chluaidh air 21mh den Mhàrt. Tha John Leatham, a tha 31 bliadhna a dh'aois, fo chasaid gun do mhurt e i.

UKIP

Thuirt Dàibhidh Coburn nach toir e feart air feadhainn a tha airson cuideigin eile a chur na àite mar fhear-labhairt UKIP ann an Alba. Thuirt Mgr Coburn gur e earrann fìor bheag, mu 1%, sa phàrtaidh ann an Alba nach eil toilichte leis. Thuirt ceannard UKIP Nigel Farage, a th' ann an Inbhir Nis an-diugh, gu bheil a h-uile earbsa aige ann a Mgr Coburn.

CROITEARAN

Tha buaireadh eadar Comisean na Croitearachd agus croitearan ann an Col Uarach ann an Leòdhas. Ghearain a' chomataidh ionaltraidh an sin air dol a-mach Chailein Cheanadaich, Cathraiche a' Chomisein, aig coinneamh san t-Samhain an-uiridh. Chuir an Comisean on uair sin comataidh ionaltraidh a' bhaile ma sgaoil agus tha croitearan ag ràdh a-niste nach eil an Comisean ach a' deanamh dìoghaltas orra son gearain mun chathraiche.