Sgrùdadh mu ìomhaighean swastika

  • 20 An Giblean 2016

Tha na poilis ann an Inbhir Nis a' rannsachadh às dèidh mar a chaidh grunn ìomhaighean de swastika chur air ballachan is eile ri taobh a' chanal ann an sgìre Muirtown.

Chaidh peant glas no airgid a chleachdadh airson na h-ìomhaighean a dhèanamh.

Chaidh fios a chur air na poilis mun chùis sa madainn Dimàirt, agus thuirt iad gu bheil iad a' gabhal uallach mun chùis seach gu bheil na h-iomhaighean seo uaireanan co-cheangailte ri eucoirean gràin.