Duine a dhìth far bhàt-iasgaich mu thuath

  • 19 An Giblean 2016
Heileacoptair nam maor-chladaich Image copyright H.M Coastguard

Thòisich rannsachadh às dèidh mar a chaidh iasgair dhan mhuir far bhàta-iasgaich a bha chun iar air Arcaibh Diluain.

Bha heileacoptairean nam maor-chladaich à Sealtainn agus Leòdhas a' feuchainn ri lorg fhaighinn air an duine, a bh' air am bàta-iasgaich an Apollo a tha clàraichte ann an Inbhir Nis, a thuilleadh air itealain-airm bho dhùthchanan eile.

Cha deach sgeul sam bith fhaighinn air an iasgair ge-tà.

Bidh Poileas Alba agus Buidheann Rannsachaidh nan Tubaistean Mara a-nis a' rannsachadh na thachair dhan duine - nach deach ainmeachadh aig an ire-sa.