Làrach Àranais faisg air Steòrnabhagh
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Plana son stèisean dealain ath-nuadhachail

18 An Giblean 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Dh'iarr a' chompanaidh-dealain SSE cead-dealbhachaidh air Comhairle nan Eilean Siar airson stèisean a thogail aig Àranais faisg air Steòrnabhagh.

Bhiodh seo airson dealan ath-nuadhachail a chuir a-null gu tìr-mòr.

Dheidheadh an stèisean a thogail air làrach a chaidh a dheasachadh airson gnìomhachasan co-cheangailte ri cumhachd ath-nuadhachail.

A bheil seo a' sealltainn gu bheil misneachd aig SSE gun tèid an cabal-dealain, ris a bheil na h-eileanan air a bhith feitheamh ùine mhòr, air adhart a-nis?

Tha Aonghas Domhnullach ag aithris.