Dithis fo chasaid co-cheangailte ri ionnsaigh an Inbhir Nis

  • 14 An Giblean 2016
Rathad Allt a' Mhuilinn Image copyright Google
Image caption Chaidh an duine a lorg faisg air stèisean connaidh Morrisons air Rathad Allt a' Mhuilinn.

Thuirt Poilis na h-Alba gun nochd fireannach agus boireannach anns a' chùirt Diardaoin às dèidh mar a chaidh fireannach, 52 bhliadhna de dh'aois, fhaighinn air a dhroch ghoirteachadh air Rathad Allt a' Mhuilinn an Inbhir Nis.

Chaidh fireannach, 20, a chur an grèim agus fo chasaid gun tug e droch ionnsaigh air an duine agus gun do chuir e bacadh air ceartas.

Chuir na Poilis boireannach, 21, fo chasaid gun do chuir i bacadh air ceartas.

Chaidh am fireannach, 52, a lorg air a leòn air an t-sràid.

Tha e ann an Ospadal Rìoghail Obar Dheathain.

Thug na Poilis taing dhan mhòr-shluagh airson an cuideachadh leis an rannsachadh seo.