Dragh mu ghlèidhteachas chat fiadhaich

  • 13 An Giblean 2016
Cat Fiadhaich Image copyright RSPB ALBA

Nochd draghan gu bheil oidhirpean gus cait fhiadhaich na h-Alba a ghlèidheadh a' fulaing agus luchd-glèidhteachais ri strì am measg a chèile.

Dh'innis aon bhuidhinn, Wildcat Haven, gun robh cead aig geamairean a bhith a' glacadh agus an uairsin a' marbhadh chat cumanta.

Tha Dualchas Nàdair na h-Alba, a thug cead dhan sgeama aig Comann Rìoghail Ainmh-eòlais na h-Alba, ag ràdh gu bheil seo laghail, agus dlìgheach.

Thuirt Wildcat Haven, ge-tà, nach robh an leithid a dhìth, agus gun robh e borb.

A rèir Chomann an Ainmh-eòlais bha am fiosrachadh seo mu thràth ri fhaotainn gu poblach, agus rinn iad càineadh air Wildcat Haven airson a bhith ri obair chealgach nan aghaidh.