Oidhirp air coille Arcaig a cheannach

  • 12 An Giblean 2016
Coille taobh Loch Arcaig Image copyright Trevor Littlewood/Geograph

Tha coimhearsnachd timcheall Loch Arcaig ann an Loch Abar agus Urras nan Coilltean ag obair còmhla feuch £500,000 a thogail airson 2,500 acair de sheann choille a ceannach bho Choimisean nan Coilltearachd.

Tha iad airson a' choille a chur air ais mar a bha i sna linntean a dh'fhalbh, agus airson cosnaidhean a chruthachadh aig an aon àm.

'S e craobhan giuthais dhùthchasach, daraich agus beithe as motha a tha sa choille.

"Na tha sònraichte, 's e nach eil mòran sheann choilltean mar seo air fhàgail an-diugh," thuirt Ruairidh Francis bho Urras nan Coilltean.

Ro fhaisg

"Tha am fearann seo a' dèanamh suas mu 10% de na th' air fhàgail ann an Alba.

"Mar a bhiodh dùil, tha i uabhasach beartach a thaobh fiadh-bheatha, le iolairean, cait fhiadhaich, dòbhrain, feòragan ruadha, agus crotal nach fhaiceadh sibh tric.

"Tro na linntean a dh'fhalbh tha mac-an-duine air cron a dhèanamh air na coilltean seo.

"Chaidh tòrr de na craobhan a leagail bhon 18mh Linn air adhart.

"Chaidh mòran chraobhan ùra a chur nach eil dùthchasach do dh'Alba, agus chaidh iad ro fhaisg air a chèile 's a-nis cha bhi solas gu leòr a' rugisinn làr na coille.

"Agus a bharrachd air sin tha cus bheathaichean air a bhith ag ionaltradh sa choille a' dèanamh cron air an àrainneachd shònraichte seo.

"'Ma 's urrainn dhuinn, 's e tha fa-near dhuinn, an t-seann choille aiseag air ais le craobhan dùthchasach agus pailteas fiadh-bheatha.

"Tha sinn uabhasach toilichte a bhith a' co-obrachadh le Còmhlan Coille Coimhearsnachd Arcaig.

"Tha sinn ag iarraidh am fearann a cheannach agus a riaghladh còmhla ris a' bhuidhinn sin.

"Tha sinn an coimain a' chòmhlain chiùil Dàimh cuideachd, a thug cead dhuinn fear de na h-òrain aca a chleachdadh air an fhiolm mun phròiseact a tha ri fhaicinn air Youtube.

"'S e an t-amas againn an-dràsta £500,000 a thogail arison am fearann a cheannach.

"Ma shoirbhicheas leinn, feumaidh sinn £4m a bharrachd a thogail thar an 20 bliadhna a tha ri tighinn," thuirt e.