B' e Jason Chung Wai-Ho a chaidh a lorg marbh ann an Rùm

  • 11 An Giblean 2016
Jason Chung Wai-Ho Image copyright Police Scotland
Image caption Chaidh Jason Chung Wai-Ho a dhìth anns an Fhaoilleach.

Chaidh dearbhadh gur e Jason Chung Wai-Ho, fear-curaich a chaidh a dhìth, a chaidh a lorg marbh air a' chladach ann an Rùm air a' mhìos a dh'fhalbh.

Dh'fhàg Mgr Chung Wai-Ho, a bha 40 agus à Glaschu, Àrasaig ann an curach air an 13mh den Fhaoilleach.

Dh'iarr poileas, nach robh ag obair aig an àm, air fuireach air tìr is droch mhuir ann.

Bha iomairt mhòr theasairginn ann aig an àm airson a lorg.