Iasgair fhathast ga lorg

  • 10 An Giblean 2016
BBC
Image caption Chaidh na seirbheisean eiginn a' ghairm aig 03:45m Disathairne.

Tha sgiobaidhean teasairginn air a bhith a-muigh a' dèanamh sgrùdaidh air a' mhuir faisg air Miughlaigh feuch am faigheadh iad lorg air iasgair a tha fhathast a dhìth às dèidh dhan bhàta air an robh e a dhol fodha moch sa mhadainn Disathairne.

Chaidh dithis eile a bha air bòrd an Louisa a mharbhadh, ach fhuair aon neach às le a bheatha 's chaidh a thoirt dhan ospadal ann an Steòrnabhagh.

Tha sgioba bho Bhuidhinn Rannsachaidh nan Tubaistean Mara a' dèanamh sgrùdaidh air a' mhuir faisg air Miughlaigh, feuch an obraich iad a-mach dè thug air an Louisa a dhol fodha.

Thuirt Fìonnlagh MacLeòid bho Mhisean nan Iasgairean ann an Steòrnabhagh gun robh an ceathrar air a bhith air rath-shàbhalaidh, ach gun do dh'fheuch dithis aca a dhèanamh air tìr.

Cobhair

"Rinn aon fhear an gnothach fhaighinn air tìr 's chaidh cobhair a dhèanamh air le bàta an RNLI, ach chaidh am fear eile a chall", thuirt Mgr MacLeòid.

Fhuaireadh cuirp dithis eile den chriutha feasgar Dhisathairne.

Thathas a' tuigsinn gun do thòisich uisge ag aodion a-steach dhan Louisa tràth Disathairne agus b' fheudar dhan chruitha am bàta fhàgail.

Caoidh

Thuirt Ceannard Comhairle nan Eilean Siar, Aonghas Caimbeil, gun robh a' choimhearsnachd air fad - eadar Rubha Ròbhanais agus Ceann Bharraigh - a' caoidh nam fireannach a chaill am beatha.

Bha an RNLI, na Maoir-Chladaich agus Poilis na h-Alba an sàs Didòmhnaich ann a bhith a' feuchainn ri lorg fhaighinn air a' cheathramh iasgair.

Thèid aithisg gu Neach-Casaid a' Chrùin agus tha Buidheann Rannsachaidh nan Tubaistean Mara an sàs cuideachd feuch am faighear a-mach dè dh'adhbhraich an tubaist.