Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

7 An Giblean 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Referendum

Thuirt Comann Ath-Leasachaidh nan Taghaidhean gu bheil an £9m de dh'airgead phoblach a tha an Riaghaltas a' cosg air bileag a' dèanamh argamaid airson fuireach anns na Aonadh Eòrpach a' cur teagamh ann an cothromachd ann an iomairt an referendum. Cuiridh an Riaghaltas an litreachas sin tron phost dhan a h-uile dachaigh anns an dùthaich. Tha luchd-iomairt airson Breatainn a thoirt a-mach às an AE ag ràdh gu bheil an Riaghaltas a' cosg airgid phoblaich air feuchainn ris an eagal a chur air luchd-bhòtaidh.

Pàipearan Phanama

Thuirt an Ceann-Suidhe ann am Panama gun tèid coimisean a chur air bhonn a nì rannachadh mu shiostam ionmhais agus laghail na dùthcha. Thuirt e gum bi a' bhuidheann neo-eisimeileach a' toirt sùil air an t-suidheachadh an dèidh na thàinig am follais mun chompanaidh Mossack Fonseca ann am Panama a bha a' cur airgid an tasgadh do dhaoine beartach mar dhòigh air cìsean a sheachnadh.

PC Gòrdan Semple

Chuir Scotland Yard rannsachadh muirt air bhonn ann an cùis oifigeir ann am Poilis a' Mhet air nach eil sgeul bho chionn sia là. 'S ann faisg air Drochaid Lunnainn air a' chiad là den mhìos a chaidh Gòrdan Semple, a bhuineas do dh'Inbhir Nis bho thùs, fhaicinn mu dheireadh.

Murt Inbhir Nis

Tha dùil ri fear anns a' Chùirt ann an Inbhir Nis an-diugh fo chasaid gun do mhuirt e boireannach anns a' bhaile an t-seachdain seo chaidh. Chaidh Ealasaid NicAoidh, a bha 60 bliadhna de dh'aois, fhaighinn marbh na dachaigh ann am Baile a' Chnuic Diardaoin seo chaidh. Chaidh fear a tha 70 bliadhna de dh'aois a chur an grèim, agus tha dùil ris anns a' Chùirt an-diugh.

An Co-op

Ghabh ceannard Buidheann a' Cho-op gearradh na thuarastal 's e ag ràdh gu bheil an gnothachas air an t-slighe cheart mu dheireadh thall. Chaidh prothaid a' Cho-op suas bho £73m ann an 2014, gu £81m an-uiridh. Dh'iarr Ridseard Pennycook air a' bhòrd-stiùiridh a thuarastal mar àrd-oifigear a' ghearradh bho £1,250,000 gu £750,000, agus e ag ràdh gu bheil a chuid obrach nas fhasa a-niste, leis gu bheil an gnìomhachas a' dèanamh nas fheàrr.

Biadh is Eacarsaich

Thuirt eòlaichean slàinte gum bu chòir fiosrachadh sgrìobhte a chur air biadh ag innse dè na dh'fheumas daoine a dhèanamh de dh'obair no eacarsaich airson na calories a th' ann a losgadh. Thuirt Comann Rìoghail na Slàinte, nam biodh fios aig daoine dè na dh'fheumas iad a dhèanamh de dh'eacarsaich mu choinneimh biadh a tha milis no làn geir, gum biodh iad nas buailtiche sin a sheachnadh agus rud falain ithe na àite.