Deugairean gan sàbhaladh

  • 6 An Giblean 2016
Iomairt chobhair Image copyright RNLI Inbhir Ghòrdain
Image caption Dealbh de sholas heileacoptair agus fònaichean-làimh nan deugairean.

Chaidh cobhair a dhèanamh air dithis nigheanan Oidhche Mhàirt, agus iad air an glacadh air na creagan air Taobh Sear Rois.

Fhuair na Poilis, na Maoir-Chladaich agus bàta-teasargainn Inbhir Ghòrdain fios mu 9:00f Oidhche Mhàirt gun robh na deugairean ann an trioblaid.

Bha an làn air an glacadh agus iad a' coiseachd faisg air Baile an Todhair.

Fo stiùir nam Maor-Cladaich, chleachd an dithis solais air na fònaichean-làimhe aca airson an luchd-teasairginn a stiùireadh gu far an robh iad, agus chaidh an heileacoptair a chur gan ionnsaigh.

Chaidh an lorg agus iad mu 50m suas creag agus chaidh an togail leis an heileacoptair agus a thoirt gu sàbhailteachd.