Buidseat NHS "ga chothromachadh"

  • 5 An Giblean 2016
Ospadal an Ràthaig Mhòir

Tha NHS na Gàidhealtachd den bheachd gun cothromaich iad am buidseat aca airson na bliadhna-ionmhais a thàinig gu ceann, a dh'aindeoin gun robh rabhadh ann gur mathaid gun cosgadh iad £2m a bharrachd.

Chuala am Bòrd anns an Fhaoilleach gum faodadh iad £2m a bharrachd a chosg.

Cluinnidh coinneamh a' bhùird Dimàirt cuideachd gum bi na gearraidhean as motha a bha riamh romhpa ri dhèanamh fhathast.

Tha rabhadh ann ge-tà, mu na th' air fàire 'son na h-ath-bhliadhna-ionmhais, le faisg air £30m de ghearraidhean a dhìth.

Tha NHS na Gàidhealtachd mu thràth air £13m de shàbhalaidhean a chomharrachadh airson sin, is tha £1m eile ann a dh'fhaodadh iad a shàbhaladh.

Fàgaidh sin ge-tà, easbhaidh de £4m nam planaichean a bhios aca ri lorg.