Tè a bhàsaich an tubaist ga h-ainmeachadh

  • 1 An Giblean 2016
Càr ga thogail far an rathaid
Image caption Bha an A9 dùinte son grunn uairean a thìde.

Dh'ainmich na Poilis am boireannach a bhàsasich ann an tubaist-rathaid air an A9 Diciadain.

Bha Amanda Harold, a bha 44 is a bhuineadh do Chomair nan Allt, a' siubhal gu tuath air an A9 madainn Diciadain nuair a bhuail an càr aice càr eile faisg air Dail Chuinnidh.

Thachair an tubaist mu 10:50m.

Chaidh co-dhiù aon duine eile a ghoirteachadh, a rèir nam Poileas.

Chaidh an rathad a dhùnadh gach taobh greis ri linn.