Ceistean mun bhùrn ann an Srath Spè

  • 31 Am Màrt 2016
An Aghaidh Mhòir Image copyright Anne Burgess/Geograph

Tha an tè-iomairt Aimeireaganach Erin Brokovich air a dhol an sàs ann an connspaid mun bhùrn òl ann an Srath Spè.

Tha dragh air cuid de mhuinntir na sgìre gu bheil fàileadh agus blas ceimigeach air a' bhùrn anns an sgìre.

Tha Uisge na h-Alba ag ràdh gu bheil am bùrn gu tur sàbhailte, 's gu bheil ionad giollachd ùr san Aghaidh Mhòir air piseach a thoirt air.

Thuirt an tè-iomart àrainneachail, mun deach fiolm a dhèanamh anns an robh Julia Roberts ga cleas, gu bheil e "meallta" stuth ceimigeach a chur ann am bùrn, a dh'fhaodadh trioblaidean bunaiteach ann, fhalach.

A' bruidhinn ris a' BhBC Diardaoin, thuirt stiùiriche Sheirbhisean Luchd-cleachdaidh aig Uisge na h-Alba, Sìm Parsons, gu bheil am bùrn a' coileanadh nan ìrean a bu chòir, ach ghabh e ris gu bheil ceist ann mun bhlas a th' air.

Thuirt e gu bheil am pròiseas "chloramination" a tha iad a' dol a chur an sàs ag amas air a' bhùrn a dhèanamh nas càileire do dhaoine le bhith a' gearradh na th' ann de chlòirin 's gur e dòigh-obrach aithnichte agus farsaing a th' ann.