Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

31 Am Màrt 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Stàilinn

Thuirt na Làbaraich gum feum gnìomhachas stàilinn Bhreatainn a chur fo smachd na stàite airson a shàbhaladh. Dh'fhoillsich an Seansalair Dùbhlannach, John MacDonnell, plana a tha esan ag ràdh a bheir dòchas dhan ghnìomhachas. Tha coinneamh èiginneach aig Sràid Downing an-dràsta fhèin a' deasbad dè as urrainn dhan Riaghaltas a dhèanamh agus a' bhuidheann Ìnnseannach Tata Steel ag iarraidh an cuid obrach gu lèir ann am Breatainn a tha a' call airgid a reic. Tha Mgr Camshron ag iarraidh gealltanais bho Tata nach dùin iad na h-ionadan mus fhaigh buidheann eile cothrom an ceannach.

Sgudal Niuclasach

An dèidh na coinneimh sin aig Sràid Downing thèid am Prìomhaire gu ruige New York far an tèid aonta fhoillseachadh airson sgudal niuclasach às ionad Dhùnrath ann an Gallaibh a chur dha na Stàitean Aonaichte airson a ghlanadh. Mar phàirt den aonta cuiridh Aimeireaga uranium fìor-ghlan air ais a Bhreatainn airson a chleachdadh ann an obair mheidigich.

Eaconamaidh Bhreatainn

Dh'fhàs eaconamaidh na Rìoghachd Aonaichte nas motha na dùil anns na trì mìosan mu dheireadh an-uiridh. Bha fàs de 0.6% ann a rèir Oifis na Staitistig Nàiseanta, agus tha sin nas motha na an 0.5% a bha iad a' sùileachadh. Ach bha easbhaidh na dùthcha anns an ùine sin, eadar an t-airgead a tha a' tighinn a-steach agus a' fàgail na dùthcha, aig an ìre as àirde riamh aig £32.7bn.

Mosgaichean

Thuirt Mosg Mheadhan Ghlaschu gu bheil Ioslam an aghaidh ceannairc den a h-uile seòrsa, an dèidh dha tighinn am follais gu bheil ceanglaichean aig dithis àrd-Mhuslamach ann an Alba ri buidhinn cheannairc a bha ri murt ann am Pagastan. Tha rannsachadh a rinn am BBC ag ràdh gun robh Sabir Ali bho Mhosg Mheadhan Ghlaschu, agus ceannard Mosg Polworth ann an Dùn Èideann, Hafiz Abdul Hamid, nan oifigich ann am buidhinn a tha a-niste toirmisgte ann am Breatainn agus ann am Pagastan.

Iomairt an Taghaidh

Thuirt ceannard Tòraidhean na h-Alba, Ruth Davidson, gun cuireadh iad às do chungaiadhean lèighis an asgaidh, agus i ag ràdh gu bheil sin a' cosg £60m do NHS na h-Alba. Thuirt i gun cosgadh prescription £8.40 nan dèanadh na Tòraidhean sin. Ann an iomairt an taghaidh an-diugh tha Nicola Sturgeon sna Crìochan ag innse mu phlana an SNP airson ceanglaichean didseatach nas fheàrr. Tha na Làbaraich a' gealltainn tuilleadh airgid a chur ri foghlam, agus na Libearalaich Dheamocratach ag innse mu thuilleadh airgid do lèigheas airson tinneas inntinne.

Caisteal Leòdhais

Chaidh Comhairle nan Eilean Siar às àicheadh gun do chosg an leasachadh air Caisteal Leòdhais barrachd na bha dùil. Dh'aidich Ceannard Leasachaidh Eaconamaich na Comhairle, Joe Mac a' Phì. Gun do dh'èirich cosgaisean air diofar adhbharan, ach thuirt e gu bheil am pròiseact fhathast taobh a-staigh a' bhuidseit. Tha dùil gum fosgail an taigh-tasgaidh ùr aig a' chaisteal dhan mhòr-shluagh anns a' Chèitean.