Sgudal niuclasach gu taic aillse

  • 31 Am Màrt 2016
Dùnrath Image copyright DSRL

Thèid sgudal niuclasach a thoirt bho Dhùnrath ann an Gallaibh dha na Stàitean Aonaichte mar phàirt de dh'aonta ùr eadar an dà dhùthaich.

Thèid seo fhoillseachadh leis a' Phrìomhaire, Dàibhidh Camshron, ann an Washington Diardaoin.

'S e an luchd as motha de sgudal niuclasach riamh on RA chun nan Stàitean Aonaichte.

Cuiridh na Stàitean Aonaichte uranium fìor-ghlan chun na Roinn Eòrpa mar mhalairt, far an tèid a chur gu feum ann a bhith a' dearbhadh co-dhiù tha aillse air daoine.

Tha Mgr Camshron airson 's gun smaoinich daoine gu h-eadar-dhealaichte mu sgudal niuclasach.

Ach thuirt a' bhuidheann Caraidean na Cruinne (Friends of the Earth), gun robh a bhith a' giùlain sgudal niuclasach sam bith thar a' Chuain Shiair cunnartach.

Canaidh Mgr Camshron ri ceannardan eadar-nàiseanta aig àrd-choinneimh air tèarainteachd niuclasach sìobhalta ann an Washington, gun cuir Breatainn 700cg de uranium beartaichte à Dùnrath gu ruige nan Stàitean Aonaichte.

Thuirt oifigich gun robh goireasan nas fheàrr anns na Stàitean Aonaichte airson dèiligeadh ris an 700cg de uranium beartaichte na th' anns an RA.

Thèid an uranium fìor-ghlan - de sheòrsa eile - a gheibh an Roinn Eòrpa air ais, a dhèanamh na ìosotopan rèidio aig Buidheann Chumhachd Niuclasaich na h-Eòrpa, a chleachdar ann a bhith a' lorg 's a' dearbhadh aillse.

Ionnsaighean air-loidhne

Thuirt Stiùiriche Charaidean na Cruinne, Ridseard Dixon: "Cha shaoilleadh ach an gnìomhachas niuclasach gur e deagh rud a bh' ann an suapadh luchdan mòra de dh'fhear de na stuthan as cunnartaiche san t-saoghal thar a' Chuain Shiair.

"Tha an Roinn Eòrpa breac le gu leòr de sgudal rèidio-beò bho gach cuid readhactairean agus armachd - chan urrainn gu bheil feum sam bith ann air an còrr a thoirt a-steach bho na Stàitean Aonaichte, no dhuinne a bhith a' cur ar cuid fhèin dheth thucasan.

"Bu chòir dèiligeadh ri sgudal niuclasach cho faisg 's a ghabhas air an àite far an do chruthaicheadh e, seach a chur gu cunnartach ann an luing no plèanaichean. 'S e tubaist uabhasach a bhiodh ann nan deadh càil ceàrr."

Aig a' cheathramh àrd-choinneimh air tèarainteachd niuclasach, leis a' Cheann-Suidhe Obama sa chathair, innsidh Mgr Camshron cuideachd gun cùm Breatainn agus na Stàitean Aonaichte eacarsaich còmhla a chuireas comas an dà dhùthaich stad a chur air ionnsaighean air-loidhne air stèiseanan niuclasach agus goireasan sgudail fo dheuchainn.

Tabhainnidh am Prìomhaire eòlas Breatannach air dùthchannan leithid Siapan, an Tuirc, Coirea a Deas agus Argentina, a th' air comhairle iarraidh air mar as fheàrr a chuireas iad dìon air na h-ionadan niuclasach aca.

Foillsichidh e cuideachd £10m a thèid a chosg air tèarainteachd niuclasach gu h-eadar-nàiseanta.

Beachdaichidh an àrd-choinneamh cuideachd air mar a dhèiligeadh iad ri ceannaircich a bhith a' faighinn grèim air stuth niuclasach airson boma salach a dhèanamh 's a chleachdadh.