Ospadal Ìle
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Seirbhisean itealain do dh'euslaintich Ìle

24 Am Màrt 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Chuala Comhairle Choimhearsnachd Ìle gu bheil e comasach a-rithist do dh'euslaintich an t-itealan a chleachdadh ma tha iad feumach air cobhair mhedigeach air Tìr Mòr.

Dh'adhbhraich seirbheis-slàinte na sgìre mì-thoileachas an-uiridh nuair a thòisich iad a' cleachdadh aiseigean agus busaichean airson daoine bochda a chuir dhan ospadal ann an Glaschu.

Tha seo a' tighinn agus roinnean slàinte agus obair-sòisealta Earra-Ghàidheal is Bhòid gan cuir còmhla aig toiseach na h-ath mhios.