Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

23 Am Màrt 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

A' Bheilg

Tha na meadhanan naidheachd sa Bheilg ag ràdh gun do chuir poilis an grèim duine a tha fo amharas mu na h-ionnsaighean boma anns a' Bhruiseil an-dè. Chaidh Najim Laachraoui a chur an grèim ann an sgìre Anderlecht, beagan an iar-dheas air a' Bhruiseil. Tha iad ag ràdh gur esan an treas duine a chaidh fhaicinn air dealbhan CCTV a' coiseachd còmhla ris an dithis bhràithrean a thug ionnsaighean fèin-mhairbhteach air a' phort-adhair. Chaidh 34 duine a mharbhadh, agus còrr is 200 duine a leòn anns na h-ionnsaighean. Tha poilis air a bhith a' comhead airson Laachraoui bho bha ceannairc ann am Paris anns na t-Samhain an-uiridh.

Pàrlamaid na h-Alba

Chuir Pàrlamaid na h-Alba co-fhaireachadh an-diugh gu muinntir na Beilge. Seo an là mu dheireadh de dh'obair na Pàrlamaid ron taghadh anns a' Chèitean. 'S e an-diugh an là mu dheireadh air Trisha Marwick ann an dreuchd an Oifigeir Riaghlaidh, agus ise am measg nam ball nach bi a' seasamh anns an taghadh.

Bile na h-Alba

Tha dùil gun cuir Bile na h-Alba, a bheir tuilleadh chumhachdan do Holyrood, crìoch air an t-slighe tro Phàrlamaid Westminster an-diugh. Tha am bile stèidhichte air na thàinig bho Choimisean Mhic a' Ghobhainn an dèidh an referendum air neo-eisimeileachd ann an 2014, agus bheir e barrachd smachd do Phàrlamaid na h-Alba air cùisean mar chìs teachd-a-steach, VAT agus sochairean.

Cùram Eileanach

Tha dusan moladh ann an aithisg bho Bhuidhinn Sgrùdaidh a' Chùraim agus Leasachadh Cùraim Slàinte na h-Alba, a tha ag ràdh gu bheil laigsean cudromach ann an cùram sheann daoine anns na h-Eileanan an Iar. Am measg rudan eile, tha an aithisg ag ràdh gu bheil dàil mhòr ann ro thric a' leigeil dhaoine a-mach às an ospadal leis nach eil cùram aig an taigh no aig an dachaigh a' feitheamh orra. Thuirt an aithisg ge-tà, gu bheil mòran dhaoine ris an deach bruidhinn toilichte leis a' chùram a tha iad a' faighinn.

Stàilinn

Tha Buidheann-Ghnìomha Stàilinn na h-Alba a' coinneachadh agus aithrisean ann gu bheil Tata Steel faisg air aonta airson an dà làrach ann an Siorrachd Lannraig a reic. Tha e coltach gu bheil Tata Steel aig ìre adhartaich ann an còmhraidhean ris a' bhuidhinn Liberty House mu na làraichean aig Clydebridge agus Dalziel, far an do chaill 270 duine an cosnadh nuair a dhùin na h-ionadan sin an-uiridh.

Taigh-Spadaidh

Thug Comhairle na Gàidhealtachd cead-dealbhachaidh do phlana airson taigh-spadaidh ùir anns an Eilean Sgitheanach. Thuirt a' bhuidheann a tha air cùlaibh na sgeama gum feum iad a-niste an t-airgead a thogail, ach gu bheil iad an dòchas gum fosgail an taigh-spadaidh ùr ann am Port Rìgh tràth an ath-bhliadhna.