Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

21 Am Màrt 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Bàthadh

Chaidh dithis inbheach agus triùir chloinne a bhàthadh nuair a chaidh an càr aca far chidhe ann am Poblachd na h-Èireann. Thachair an tubaist ann am Bun Cranncha ann an Contae Dhún na nGall feasgar an-dè. Tha e air a thuigsinn gum buineadh iad uile do Dhoire ann an Èirinn a Tuath, agus gun robh cuid dhuibh càirdeach. Chaidh aig fireannach a' bh' air a' chidhe aig an àm air nighean bheag fhaighinn a-mach as a' charbad mas deach e fodha. Tha cobhair ga dhèanamh oirre ann an ospadal Leitir Cheanainn far a bheil i ann a staid chothromach.

Dàibhidh Camshron

Nì Dàibhidh Camshron òraid ann an Taigh nan Cumantan feasgar, a' togail air mar a dh'fhàg Rùnaire na h-Obrach 's nam Peinseanan a dhreachd air an t-seachdain a chaidh. Thuirt Iain Donnchadh Mac a' Ghobhainn nach b' urrainn dha cul-taic a chur ri poileasaidhean an riaghaltais air sochairean sòisealta, 's e ag ràdh gun robh iad a' sgaradh sluagh na dùthcha bho chèile an àite a bhith gan toirt còmhla.

Stad is Sgrùd

Thòisich Riaghaltas na h-Alba a' sireadh bheachdan air còd giùlain ùr do dh'oifigearan poileas nuair a tha iad a' cleachdadh chumhachdan 'stad is sgrùd'. Tha seo a' leantainn air an trod mun àireamh de dhaoine a bha gan stad gun adhbhar laghail. Tha ministearan cuideachd a' beachdachadh air cumhachdan ùra a leigeadh le oifigearan sgrùdadh a dhèanamh air cloinn fo aois 18 ma tha iad an amharas gu bheil deoch-làidir aca.

A' Ghrèig

Thuirt Riaghaltas na Grèige gu bheil còrr is 50,000 in-imreach agus fògarrach anns an dùthaich - agus gu bheil timcheall air a' cheathramh chuid dhiubh a' fuireach ann an càmpa air a' chrìch le Macedonia. Tha còmhraidhean a' leantainn eadar oifigich Grèigeach agus Tuirceach mu a bhith a' cur aonta an sàs airson in-imrichean a thilleadh air ais dhan Tuirc.

Murt

Chaidh fear aois 57 a chur an grèim co-cheangailte ri murt ann an Siorrachd Lannraig a Tuath bho chionn 17 bliadhna. Bhàsaich Eòghann Brannigan, a bha 45, ann an ionnsaigh sgithinn ann an taigh ann a Coatbridge ann an 1999. Tha dùil gun nochd an duine ann an Cùirt an t-Siorraidh ann an Àird Rìgh an-diugh fhathast.