£1m do MG Alba

  • 21 Am Màrt 2016
Bannan Image copyright Handout
Image caption Tha Bannan am measg nam prògraman aig BBC Alba

Bidh taic airgid de £1m bho Riaghaltas na h-Alba na chuideachadh le prògraman agus ìre sheirbheis BBC Alba a dhìon, a-rèir MG Alba.

Dhearbh Riaghaltas na h-Alba gun cumadh iadsan a' dol a' cur £1m ris an taic bhunaiteach a tha telebhisean Gàidhlig a' faighinn tron bhliadhna iomhais a tha romhainn.

Thuirt MG Alba, a tha a' ruith BBC Alba ann an co-bhanntachd leis a' BhBC, gum biodh a' bhliadhna tha romhainn nas mì-chinntiche as aonais an taic bhon riaghaltas.

Thuirt a' bhuidheann cuideachd gu lean iad le bhith ag iomairt airson taic airgid leantainneach a bharrachd.

Chaill telebhisean Gàidhlig airgead a bharrachd à Westminster an-uiridh.

Thòisich BBC Alba ann an 2008.