Stailc aig Colaisde a' Chaisteil

  • 16 Am Màrt 2016

Thèid òraidichean aig Colaisde a' Chaisteil ann an Steòrnabhagh air stailc Dihaoine mar phàirt de dh'iomairt nàiseanta airson pàigheadh cothromach ann an colaistean na h-Alba.

Chùm aonadh an luchd-teagaisg, an EIS, baileat am measg na ballrachd aca air stailc a chumail.

Gu nàiseanta, bhòt 88% den 61% de bhuill an aonaidh a ghabh pàirt sa bhaileat airson a dhol air stailc.

Thuirt an EIS gun leanadh an iomairt stailce chun an t-Samhraidh, le stailcean eile dà là, agus trì là air fàire mura ruigear aonta.